Dragh mu mhapaichean ùra

  • 31 An Dùbhlachd 2013
Beanntan na Hearadh
Image caption Tha Ceann a Tuath Na Hearadh na dheagh eisimpleir air mar a dh'fhaodas sgìre a bhith air a leasachadh gu maith na coimhearsnachd.

Tha uachdarain coimhearsnachd draghail mu phlanaichean airson sgìrean de thalamh nàdarra a ghlèidheil bho leasachaidhean.

Tha seo a' tighinn an dèidh don ùine conaltraidh air mapaichean ùra a chaidh a dhèanamh le Dualchas Nàdar na h-Alba a thighinn gu ceann.

Tha na mapaichean ag amas air cuid de sgìrean a dhìon bho leasachaidhean mòra gaoithe.

A rèir Cathraiche Fearann Coimhearsnachd na h-Alba, Dàibhidh Camshron, dh'fhaodadh iad droch bhuaidh a thoirt nan deigheadh an cleachdadh ann an dòigh mì-iomchaidh.

Thuirt Mgr Camshron cuideachd gu bheil Ceann a Tuath na Hearadh na dheagh eisimpleir air mar a dh'fhaodas sgìre a bhith air a leasachadh gu maith na coimhearsnachd.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile