Taic-airgid na adhbhar misneachd do choimhearsnachdan

  • 31 An Dùbhlachd 2013
A' Phàirc
Image caption Fhuair Urras Oighreachd na Pàirce £230,000 bho Stòras an Fhearainn, a leigeas leotha a dhol air adhart leis an oighreachd a cheannach.

Tha dòchas ann gun toir an taic-airgid a fhuair croitearan Oighreachd na Pàirce ann an Leòdhas misneachd do choimhearsnachdan eile am fearann aca fhèin a cheannach.

Fhuair Urras Oighreachd na Pàirce £230,000 bho Stòras an Fhearainn, a leigeas leotha a dhol air adhart leis an oighreachd a cheannach.

Às dèidh bliadhnaichean a' strì sa chùirt, tha an t-uachdaran deònach a reic riutha air £500,000.

Tha dòchas ann a-nis gum faigh coimhearsnachdan eile taic bhon Stòras airson an cuid fearainn a cheannach.

Stòras an Fhearainn

Thuirt fear de stiùirichean Fearann Coimhearsnachd na h-Alba, Iain MacÌomhair, gu bheil e cudromach gu bheil taic-airgid a-nis ri fhaotainn nach robh ann sna bliadhnaichean a chaidh seachad.

Thuirt e gu bheil e na adhbhar toileachais gun robh airgead an Riaghaltais na chuideachadh ann an suidheachadh a bha, ann an sùilean chuid, air a bhith a' dol ro fhada.

Leis gun robh an lagh cho mì-chinnteach, bha muinntir na Pàirce a' sabaid airson bliadhnaichean mòra a' feuchainn ri smachd fhaighinn air an fhearann.

A rèir Mhgr MhicÌomhair, às aonais Stòras an Fhearainn, dh'fhaodadh gum biodh an t-strì air cumail a' dol nas fhaide.

Conaltradh

Tha coimhearsnachdan eile a-nis a' coimhead ri smachd fhaighinn air an fhearann aca fhèin; ann an Leòdhas, tha dhà no trì oighreachdan far a bheil uachdarain agus a' choimhearsnachd ann an conaltradh.

Ma 's e agus gum faicear gu bheil buannachdan ann dhaibh-san, agus gun soirbhicheadh leotha, thuirt Mgr MacÌomhair gum bithear an dòchas gum biodh an stòras airgid a-rithist na cuideachadh gus seo a dhèanamh comasach.

O chionn faisg air 100 bliadhna, bha cothrom aig coimhearsnachdan ann an Eilean Leòdhais agus na Hearadh am fearann fhaighinn an asgaidh, ach cha do ghabh an cothrom ach Urras Steòrnabhaigh. Bha iomadach adhbhar airson sin aig an àm, dh'innis Mgr MacÌomhair.

Lèirsinneach

"Tha sinn fortanach an-diugh gu bheil daoine 's dòcha nas lèirsinnich, agus gu bheil taic-airgid ann nach robh ann sna làithean sin," thuirt e.

Thar nam bliadhnaichean, chaidh a dhearbhadh gu bheil buannachdan a' tighinn an cois coimhearsnachdan a bhith a' faighinn smachd air an fhearann aca fhèin.

"Tha obraichean gan cruthachadh, tha barrachd dhaoine a' tilleadh dhan àite agus, aig deireadh an là, mura bi na buannachdan sin ann, chan eil adhbhar sam bith a bhith a' coimhead ris a' cheum a ghabhail," thuirt Mgr MacÌomhair.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile