Gàidhlig Ghlaschu a' fàs

  • 30 An Dùbhlachd 2013
Clann-sgoile
Image caption Thèid maoin £580,000 a roinn eadar Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu agus Sgoil-àraich Rowena.

Dh'innis Ministear na Gàidhlig, Alasdair Allan, gun tèid maoin £580,000 a roinn eadar Sgoil Ghàidlig Ghlaschu agus Sgoil-àraich Rowena.

Thèid £80,000 a chleachdadh le Comhairle Bhaile Ghlaschu airson seòmraichean teagaisg aig Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu a tha bàn an-dràsta a sgeadachadh.

Thèid an còrr den airgead a chleachdadh airson Sgoil-àraich Rowena a ghluasad gu togalach ùr.

Ministear na Gàidhlig

Thuirt am Ministear: "Leis an £580,000 seo, togaidh Comhairle Baile Ghlaschu air an obair fìor mhath aca a thaobh chlasaichean Gàidhlig aig Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu agus Sgoil-àraich Rowena.

"Air feadh Alba, tha sinn air a bhith soirbheachail a' misneachadh dhaoine chun na Gàidhlig, gu h-àraidh am measg òigridh. Ma tha sinn a' dol a chumail oirnn le ar taic do luchd-cleachdaidh ùr agus òg, tha feum air goireasan agus tàlant a chur far am bi cothroman ionnsachaidh.

"Tha mi cinnteach gun toir an leasachadh seo barrachd chothroman do chloinn òg agus teaghlaichean tòiseachadh, agus cumail orra, anns an sgoil le sgilean Gàidhlig," thuirt Mgr Allan.

Thuirt am ball airson Foghlaim agus an Òigridh air Comhairle Bhaile Ghlaschu, Stephen Curran, gu bheilear air leth toilichte a bhith a' faighinn a' mhaoin a bharrachd a tha seo.

Fàs

"Tha an Sgoil Ghàidhlig a' sìor fhàs gach earrann den bhliadhna, a' toirt cothrom do bharrachd is barrachd dhaoine òga a bhith a' togail air obair-sgoile tro mheadhan na Gàidhlig," thuirt Mgr Curran.

"Tha a' Chomhairle a' dèanamh cinnteach gu bheil foghlam tro mheadhan na Gàidhlig aig fìor àrd-ìre ga thairgse, ach an cùm sinn taic ris an ath-bheòthachadh a tha a' tighinn air a' Ghàidhlig feadh a' bhaile, mar phàirt den Phlana Ghàidhlig."

Fhuair Comhairle Shiorrachd Àir a Tuath £50,000 cuideachd airson clasaichean Gàidhlig do chloinn fo aois sgoile.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile