Obair càraidh ga dèanamh air seirbheis FM

  • 27 An Dùbhlachd 2013

Tha trioblaidean le cruinn chraolaidh Èidseal ann an Leòdhas agus Scrìthaig anns an Eilean Sgitheanach.

Tha seirbheisean FM air a bhith air is dheth bho àm gu àm anns na sgìrean sin, ach tha luchd-einsinniridh a' feuchainn ri obair-càraidh a dhèanamh.

Bidh BBC Radio nan Gàidheal ri fhaighinn ge-tà air BBC Alba Freeview sianal 8, air freesat 110 agus air Sky 0139.