Stoirm a' cur maill air luchd-siubhail

  • 24 An Dùbhlachd 2013
Tuinn Image copyright Sylvia Watson
Image caption Tha dùil gu fàs a' ghaoth feasgar a-rithist.

Tha stoirm mhòir air a bhith toirt buaidh air goireasan siubhail air feadh Alba, ach gu h-àraidh air a' chosta an iar.

Dh'èirich a' ghaoth gu 75 mìle san uair ann an Uibhist a Deas sa mhadain, agus chaidh cabhsair a' Bhaile Shear ann an Uibhist a Tuath a dhùnadh son treis sa mhadainn.

Tha rathad a' Bhràighe - faisg air Steòrnabhagh - dùinte le suailaichean àrda a' dol thairis.

Chaidh na seirbheisean aiseig dha na h-Eileanan Siar air fad a chur dheth, ach tha Cal Mac a' dol a dh'fheuchain ri seirbheis a ruith Diciadain (Là na Nollaig) eadar Loch nam Madadh, Uig agus an Tairbeart.

Oifis na Sìde

Dùnaidh oifisean Comhairle nan Eilean Siar aig 15:00 f. agus tha Leabharlann Steòrnobhaigh a' dùnadh aig an aon am.

Cha bhi busaichean a' fàgail Steòrnobhaigh às dèidh16:00 f. a bharrachd.

Tha maill cuideachd air seirbhisean itealain air feadh na dùthcha, agus tha uisge trom ann an cuid de sgìrean, tha comhairlean a' dèanamh deiseil air eagal is gum bi tuiltean ann.

Drìobhadh

Tha Oifis na Sìde air rabhadh a thoirt gum bi oiteagan gaoithe aig 80 mìle san uair a' dol suas gu 90 mìle san uair nas fhaide air an latha, agus tha grunn dhrochaidean dùinte gu carbadan àrda - nam measg Drochaid Cheasaig, Dhòrnaich agus an Eilean Sgitheanaich.

Tha dùil ri sneachd ann an cuid de sgìrean agus bidh cathadh anns a' ghaoith.

Thuirt Àrd Superindent Polais na h-Alba son a cheann a tuath, Julian Innes, gum bu chòir do dhaoine sùil a chumail air làraich linn siubhal agus comhairle a ghabhail, dh'iarr e cuideachd ma tha daoine a' drìobhadh anns a' sgìre, gum bi gu leor connadh, biadh, deoch is plaideachain aca, air eagal's gum bi mail orra.