Rabhadh mu dhroch shìde Dimàirt air àrdachadh

  • 23 An Dùbhlachd 2013

Tha Oifis na Sìde air àrdachadh a thoirt air na rabhaidhean son gaoth mhor ann an grunn sgìrean sa cheann a tuath is air taobh siar na Gàidhealtachd son Dimàirt.

Thugadh rabhadh 'orains' seachad a-nis son anns na h-Eileanan an Iar, Iar-thuath na Gàidhealtachd, Earra Ghàidheal is Bòd, Arcaibh is Sealtainn.

Tha rabhaidhean 'bitheabh mothachail' (buidhe) ann son a' chòrr de dh'Alba.

Agus tha dùil gun toir an droch shìde buaidh air seirbheisean còmhdhail dhan mhòr-shluagh.

Aiseagan

Tha an droch sìde mar -thà air buaidh buaidh a thoirt air mòran de sheirheisean Chal Mac.

Chaidh cha mhòr a h-uile seirbheis a bhuaileadh Diluain, le dìreach dà sheòladh a-rèir a' chlàir-ama.

Bha an t-aiseag eadar an t-Òban agus Creag an Iubhair a' ruith mar bu chòir, agus cuideachd an t-seirbheis bhathair eadar Steòrnabhagh is Ulapul.

Tha Caledonian Mac a' Bhriuthainn a' moladh do luchd-siubhail fiosrachadh a bharrachd fhaighinn bhon làraich-lìn aca.

Geataichean sneachda

Chaidh prìomh rathad na Gàidhealtachd, an A9 a dhùnadh cuideachd deas air Inbhir Nis ri linn an t-sneachda.

Agus dhùin na poilis na geataichean aig Dàil Chuinnidh, aig an Rath Liath agus Trian a' Phiur faisg air Blàr Athaill.

Thug luchd na sìde rabhadh seachad gum faodadh a' ghaoth neart ghèile a ruighinn air feadh na dùthcha le oiteagan gaoithe suas ri 65 gu 75 mìle san uair.

Agus tha dragh ann gum faodadh cùisean a bhith na bu mhiosa air 24mh den Dùbhlachd air taobh siar na dùthcha, a' ruiginn 80 neo 90 mìle san uair.

A-rèir Oifis na sìde, bidh bruthadh ìosal far costa siar na h-Alba a' gluasad gu tuath Dimàirt, eadar 16:00 agus 23:59, a' ciallachadh gum bi a' ghaoth a' ruighinn neart ghèile ann an cuide de sgìrean.

"Bu chòir dhan mhòr-shluagh a bhith ullaichte son troimh-chèile, gu h-àraid a-thaobh sheirbheisean còmhdhail, a bharrachd air briseadh ann an seirbheisean cumhachd."

Timcheall a' BhBC

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile