Bann-leathainn nas luaithe nas fhaisge

  • 23 An Dùbhlachd 2013
Càball
Image caption Thèid còrr is 20 càball a chur an sàs fon uisge - an tè as fhaide dhuibh sin eadar Steòrnabhagh agus Ulapul.

Tha bann-leathainn fibre-optic ceum nas fhaisge do choimhearsnachdan eileanach na h-Alba.

Tha seo às dèidh mar a chaidh cùmhnantan anns a bheil luach £27m a thoirt seachad gu trì chompanaidhean.

Thèid còrr is 20 càball a chur an sàs fon uisge - an tè as fhaide dhuibh sin eadar Steòrnabhagh agus Ulapul.

Tòisichidh an sgeama sa Mhàirt, le taic bho Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean, agus 's i am pròiseict as motha de a leithid a chaidh a dhèanamh roimhe le BT.

Dealanaich

Ach aig a' cheart àm tha sgìrean de dh'Uibhist a Tuath, Beinn nam Fadhla agus ceann a tuath Uibhist a Deas air a bhith gun sheirbheis bann-leathainn bho Dhihaoine.

Sin às dèidh do dhealanaich milleadh a dheanamh air uidheamachd an ceann a deas na Hearadh.

Tha a' chompanaidh Hebrides.net ag ràdh gu bheil einnsinear ag obair air an-dràsda agus gu bheil iad an dòchas an t-seirbheis a thilleadh tron là Diluain

Grunnd na mara

Chaidh fhoillseachadh gum bi 20 ceangail ùr gan togail, bho Westray ann an Arcaibh mu thuath, sìos gu Ceann Loch Cille Chiarain aig deas.

Tha mu 400 cilemeatair de chàball fibre-optic gu bhith gan cuir air grunnd na mara - am pròiseact as motha a rinn BT ann an uisgeachan Bhreatainn a-riamh.

Tha an ceangal as fhaide gu bhith eadar Ulapul agus Steòrnabhagh - astar cha mhòr 50 mìle.

Bidh ceangal eile ann tarsainn a' Chuain Sgìth, eadar Carnan an Uibhist a Deas gu Dùn Bheagain.

Fon mhuir

Chan ann dìreach do dh'Uibhist, Leòdhas 's na Hearadh a bhios an t-seirbheis ùr a' dol.

Gheibh ceann a deas an Eilean Sgitheanaich, Muile, Eilean Diùra, Tiriodh agus Eilean Arainn buannachd cuideachd.

Tha am pròiseact seo, anns a bheil luach cha mhòr £27m, mar phàirt de phlana Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean gus bann-leathainn luath a thoirt do 84% de thaighean agus ghnìomhachasan ro dheireadh 2016.

Thathar an dùil an obair air fad a dhèanamh fon mhuir tron t-samhradh an ath-bhliadhna agus a bharrachd air an obair sin bi 800 cilemeadair a bharrachd gan cuir ris an lionra air tìr.