Dà chosnadh ùr an lùib pròiseict lusan

  • 23 An Dùbhlachd 2013
Buntàta
Image caption Thèid sia tunnalan plastaig a thogail son lusan fhàs.

Tha Buidheann Leasachaidh Coimhearsnachd Horsiadar ann an Leòdhas air an dòigh às dèidh dhaibh còrr is £250,000 not fhaighinn.

Bidh an t-airgead a' tighinn bhon stòras Climate Change Fund.

Leis an airgead tha iad an dùil 6 tunnalan plastaig a thogail gus lusan agus measan fhàs annta son a reic gu h-ionadail.

Thèid dà chosnadh ùr a chruthachadh an lùib a' phròiseict