Bacadh ga chur air tuath-gaoithe Uibhist

Crann-gaoithe Thèid rannsachadh dealbhachaidh a dhènamh le Riaghaltas na h-Alba.

Sgeulachdan co-cheangailte

Chaidh buille a thoirt do phlanaichean coimhearsnachd Uibhist a Tuath, agus Riaghaltas na h-Alba a' dol a dhèanamh rannsachadh dealbhachaidh air dà chrann-gaoithe a tha Companaidh Leasachaidh Uibhist a Tuath am beachd a thogail ann an sgìre a' Chlachain.

Thug Comhairle nan Eilean Siar cead dhan dà chrann, a bhiodh a' cruthachadh mu dhà Mhegawatt, air a' mhìos a chaidh seachad, a dh'aindeoin ghearainean bho Mhinistrealachd an Dìon gun toireadh iad droch bhuaidh air siostaman rèidear Raon Rocaid Uibhist.

Bidh Màrt na h-ath-bhliadhna ann, air a' char as tràithe, mus tig co-dhùnadh.

Thuirt Comhairliche na sgìre, Uisdean Robasdan, fiù 's ged a dheadh iad air adhart, gun cailleadh iad an còigeamh cuid den teachd-a-steach leis nach d' fhuair iad an cead ron Bhliadhn' Ùir.

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Sgeulachdan co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC airson na tha air làraich-lìn eile.

Sgeulachdan aithriseach

What is VOCAB? Deth'ann a VOCAB?

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.