Taic ga gealltainn do dh'Urras na Pàirce

Oighreachd na Pàirce Tha muinntir na Pàirce air a bhith a' strì fad còrr is 10 bliadhna airson faighinn chun na h-ìre seo.

Sgeulachdan co-cheangailte

Tha coimhearsnachd na Pàirce air taobh sear Leòdhais air an t-airgead mu dheireadh a tha a dhìth orra airson am fearann aca a cheannach fhaighinn bhon Riaghaltas.

Tha Stòras Fearainn na h-Alba agus Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean air £300,000 a ghealltainn dhaibh.

Gheall Comhairle nan Eilean Siar mar-thà £76,500 do dh'Urras na Pàirce airson a' phròiseict, agus tha Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean a-nis air an aon sùim a ghealltainn.

Thig cnap-airgid mhòr de £230,000 bhon Riaghaltais, bhon Stòras Fhearainn aca.

Ministear na h-Àrainneachd

Rinn Ministear na h-Àrainneachd, Paul Wheelhouse, mìneachadh air cho cudromach 's a tha ath-leasachadh fearainn agus choimhearsnachdan a bhith a' faighinn seilbh air an cuid fearainn fhèin.

Rinn Mgr Wheelhouse moladh cuideachd air an obair chruaidh a thathas air a bhith a' dèanamh thairis air na bliadhnaichean a dh'fhalbh.

Tha muinntir na Pàirce air a bhith a' strì fad còrr is 10 bliadhna airson faighinn chun na h-ìre seo.

O chionn trì bliadhna, thug iad an t-uachdaran Barry Lomas gu lagh, ann an oidhirp toirt air an oighreachd 26,775 acair a reic riutha an aghaidh a thoil - a' chiad uair a chaidh reachdas ùr fo Achd Ath-leasachaidh an Fhearainn a chleachdadh.

Còirichean daonna

Ach, chaidh Mgr Lomas fhèin gu lagh agus e ag ràdh gun robh an reachdas a' dol an aghaidh nan còirichean daonna aige fo Lagh Eòrpach.

San t-Samhain, às dèidh bhliadhnaichean de chòmhraidhean, dh'aontaich Urras na Pàirce gun ceannaicheadh iad an oighreachd airson £500,000.

Thuirt Cathraiche an Urrais, Aonghas McDowall, gu bheilear taingeil airson an airgid seo bhon Riaghaltas, agus bho na buidhnean eile, agus gu bheil sin a' ciallachadh gun tèid aca air a dhol air adhart le aonta chàirdeil ann a bhith a' faighinn seilbh air an fhearann.

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Sgeulachdan co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC airson na tha air làraich-lìn eile.

Sgeulachdan aithriseach

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.