Tuilleadh ghearraidhean air Ghàidhealtachd

  • 19 An Dùbhlachd 2013
Comhairle na Gàidhealtachd
Image caption Feumaidh Comhairle na Gàidhealtachd £80m a chaomhnadh sna bliadhnaichean gu ruige 2019.

Thig gearradh de £3.5m ann am buidseat Chomhairle na Gàidhealtachd an ath-bhliadhna.

Tha sin a bharrachd air gearraidhean de chòrr is £12m a chaidh aontachadh aig toiseach na bliadhna.

Aig coinneamh den Làn-Chomhairle Diardaoin, chaidh aontachadh gun tèid a' Chìs Chomhairle a reothadh air Ghàidhealtachd a-rithist an-ath-bliadhna, an t-seachdamh bliadhna ann an sreath nach tàinig àrdachadh.

Bidh a' chìs ann am Bann D a' fuireach aig £1,160.

Thèid màil nan taighean comhairle airson na h-ath-bhliadhna a stèidheachadh an ath-mhìos.

Thuirt Manaidsear Ionmhais na Comhairle, Brian Porter, gun gabh an £3.5m a chaomhnadh gun ghearraidhean a thoirt air seirbheisean.

Rabhadh

Thug Mgr Porter rabhadh seachad ge-tà, gu bheil nas miosa ri thighinn agus gum feumar gearraidhean de £80m a dhèanamh eadar na bliadhnaichean 2015 agus 2019.

Dh'innis Mgr Porter gun tig lùghdachadh air cuid de sheirbheisean poblach air a bheil daoine "eòlach agus dèidheil," agus air a bheil "cruaidh fheum" cuideachd.

A thuilleadh air sin, thuirt e gur dòcha gun tig cuid de sheirbheisean gu crìch.

Giorrachadh

Am measg molaidhean air am bi comhairlichean a' beachdachadh, tha plana airson airgead a shàbhaladh le bhith a' giorrachadh an là sgoile do chloinn ann an Clasaichean 4-7. Thathar am beachd leth uair de thìde a ghearradh o gach là - sin dà uair de thìde gu leth san t-seachdain, no 19 là sa bhliadhna.

Tha aonadh an luchd-teagaisg, an EIS, gu làidir an aghaidh nam molaidhean. Tha dragh orra mun droch bhuaidh a bheireadh seo air foghlam na cloinne, agus gun deadh obraichean a chall cuideachd.

Thuirt Anndra Stiùbhart bhon EIS: "Ma tha thu a' dol a ghiorrachadh an là sgoile, tha thu cuideachd a' dol a ghiorrachadh ìre an fhoghlaim."

Tha a' Chomhairle cuideachd a' coimhead ri tuilleadh sgoiltean a chur còmhla, mar a chaidh a dhèanamh mar-thà ann an sgìrean leithid Chataibh.

Thathar a' sùileachadh sin a dhèanamh ann an Taobh Sear Rois cuideachd.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile