Càin do chroitear a bha a' ruith taigh-spadaidh

Caoraich Lorgar 77 cinn chaorach, am measg eile, anns an t-sabhal.

Chaidh càin £1,500 air croitear ann an Leòdhas às dèidh mar a fhuaireadh ciontach e de bhith a' ruith taigh-spadaidh mhì-laghail.

Chuala Cùirt an t-Siorraidh ann an Steòrnabhagh nach do chuir Tormod Caimbeul, a tha 24 agus à Àrnol air taobh siar an eilein, càil air dòigh airson stad a chur air galairean leithid BSE/CJD bho bhith a' sgapadh.

Bha e cuideachd fo chasaid gun do bhris e riaghailtean slàinte a' bhìdh, ach fhuaireadh na casaidean sin neo-dhearbhte.

Dh'innis luchd-obrach na Comhairle, agus luchd-obrach slàinte bheathaichean don Chùirt roimhe gun robh iad air 77 cinn chaorach a lorg, am measg eile, ann sabhal a' Chaimbeulaich air a' chroit aige.

Sgeulachdan aithriseach

  • FlòdaigearraidhÀrainneachd agus Cànan

    Cùrsa anns an Eilean Sgitheanach as t-samhradh far am faighear briathrachas na Gàidhlig airson leithid lusan agus ainmhidhean.


  • Miss PiggyClò Mòr air a' Bhan-Mhuic

    Chunnacas Miss Piggy ann an deise den Chlò Mhòr a rinneadh le Vivienne Westwood.


What is VOCAB? Deth'ann a VOCAB?

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.