Iarrtas cìse an uisge-bheatha

  • 18 An Dùbhlachd 2013
Uisge-beatha
Thugadh an t-àrdachadh air falbh bho leann anns a' Mhàrt.

Chuir Comann Uisge-Bheatha na h-Alba iomairt air chois 's iad ag iarraidh air Riaghaltas Bhreatainn cuidhteas fhaighinn den àrdachadh bhliadhnail air cìs na dibhe.

Tha an Comann a-nis ag iarraidh air a' phoball a' chùis a thogail leis na Buill-Phàrlamaid aca.

Chaidh cuir às do chìs chunbhalach na dìbhe - a tha a' toirt àrdachaidh de 2% thairis air ìre na h-atmhorachd gach bliadhna air prìs an deoch làidir - air leann ann am Bhuidseat a' Mhàirt, ach tha e fhathast a' toirt buaidh air prìsean spioradan agus fìona.

Tha Comann Uisge-beatha na h-Alba a' cumail a-mach gu bheil a chìs a' dèanamh cron air na tha de dh'uisge-bheatha na h-Alba ga reic ann am Breatainn agus a' peanasachdh luchd-ceannaich aig àm glè dhuilich.

A rèir na buidhne, thàinig crìonadh de 12% air na tha de dh'uisge-bheatha ga reic san Rìoghachd Aonaichte bho chaidh a' chìs a stèidheachadh.

Thuirt Roinn an Ionmhais gu bheil iad a' toirt an taic dhan ghnìomhachas agus gur e a' mhargaidh às-mhalairt - a tha saor o chìsean cusbainn - a tha a' dèanamh suas 90% de mhargaidh an uisge-bheatha.