Nas lugha a' dràibheadh fo bhuaidh na dibhe

  • 18 An Dùbhlachd 2013
Duine ag òl Image copyright PA
Image caption Chaidh ochdnar a ghlacadh air a' mhìos seo a' dràibheadh fo bhuaidh na dibhe air rathaidean na Gàidhealtachd.

Tha Poilis air a' Ghàidhealtachd ag ràdh gu bheil a h-uile coltas ann gu bheil nas lugha de dhaoine a' dràibheadh fo bhuaidh na dibhe air rathaidean na sgìre.

Thòisich na Poilis an iomairt nollaige aca air an 6mh den Dùbhlachd.

Thuirt iad gun do chuir iad stad air 317 dràibhearan sa chiad sheachdain den iomairt, is gun robh ochdnar dhiubh sin os cionn na h-ìre de dheoch-làidir a tha ceadaichte.

"Tha sinn tolichte gu bheil na h-àireamhan cho ìosal," thuirt an Inspector Neil Lumsden bho Phoilis na h-Alba.

"Bu thoil leam taing a thoirt dhan fheadhainn a tha air fiosrachadh a chur thugainn mu dhaoine a tha a' dràibheadh fo bhuaidh na dibhe," thuirt e.

Leanaidh iomairt nam Poileas fad na mìos.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile