Seirbheisean slàinte-inntinn gan atharrachadh

  • 18 An Dùbhlachd 2013
Tromad-inntinn
Tha am Bòrd airson barrachd cùraim a chur a-mach dhan choimhearsnachd.

Tha Bòrd Slàinte nan Eilean Siar air dòighean-obrach ùr aontachadh a thaobh nan seirbheisean slàinte-inntinn aca, nam measg leapannan a ghearradh ann an Ospadal nan Eilean.

Tha am Bòrd ag ràdh gu bheil iad airson barrachd cùraim a chur a-mach dhan choimhearsnachd.

Bha trì diofar roghainnean aig Bòrd na Slàinte air mar a dh'fhaodadh iad atharrachadh a thoirt air cruth nan seirbheisean slàinte-inntinn aca.

Tha an roghainn a thagh iad a' ciallachadh gun tèid gearradh air a' chùram a tha ga thoirt seachad ann an Ospadal nan Eilean ann an Steòrnabhagh, agus gu bheil iad airson cùram sa choimhearsnachd a leudachadh.

Tha 19 leapannan ann an ionad slàinte-inntinn an ospadail an-dràsta, ach fon dòigh-obrach ùr seo cha bhiodh ann ach 12.

Bhiodh barrachd luchd-obrach aig Bòrd na Slàinte sna coimhearsnachdan, agus tha iad airson barrachd taic a thabhann do luchd-cùraim.

Tha Bòrd na Slàinte ag ràdh gum bi còrr is 800 duine sna h-Eileanan an Iar a' fulang le Dementia eadar na bliadhnaichean 2025 agus 2030, agus gur e sin as coireach gu bheil iad airson barrachd cùraim a chur a-mach dhan choimhearsnachd.

Chan eil fhios fhathast cuin a thèid na h-atharrachaidhean seo a chur an gnìomh, ach tha an Riaghaltas ag ràdh nach bi airgead ann air a shon gu co-dhiù 2016.

Thuirt am Bòrd gun sgrìobhadh iad chun an Riaghaltais airson ìmpidh a chur orra airgead sam bith a bhios ri fhaotainn ron a sin a thabhachd dhaibh.