Co-labhairt mu chàbal a' Chuain Sgìth

Càbal air grunnd na mara Dh'innis a' chompanaidh chumhachd SSE gu bheil dàil eile sa phlana airson càbal a chur eadar na h-Eileanan Siar agus Tìr Mòr.

Sgeulachdan co-cheangailte

Chaidh co-labhairt a ghairm le Ministear Chumhachd na h-Alba airson deasbad na ghabhas dèanamh airson dealan a thèid a chruthachadh ann an eileanan na h-Alba fhaighinn gu Tìr Mòr.

Dh'fhoillsich Fearghas Ewing gun tèid a' choinneamh a chumail sa Bhliadhna Ùir, airson deasbad, am measg rudan eile, ciamar a thèid cumhachd an dealain a thoirt air falbh às na h-Eileanan mu Thuath agus na h-Eileanan Siar.

Tha seo an dèidh don chompanaidh chumhachd SSE innse gu bheil dàil eile sa phlana airson càbal a chur eadar na h-Eileanan Siar agus Tìr Mòr, le coltas ann a-nis gum bi 2019 ann, air a' char as tràithe, mus bi e na àite.

A' sireadh fhreagairtean

Tha Mgr Ewing a' feuchainn ri freagairtean fhaighinn do shuidheachadh nan Eilean Siar, Shealtainn is Arcaibh, far a bheilear fhathast a' feitheamh ri càbal a cheanglas iad ri Tìr Mòr.

Tha esan ag ràdh gu bheil cumhachd mòr ath-nuadhachail ri thoirt às na h-eileanan, agus gum feum iad dòigh a lorg air sin fhaighinn gu na margaidhean aig deas.

Gu ruige seo, a dh'aindeoin mòran obrach agus chòmhraidhean, tha seo air failleachadh orra.

Ach, thuirt Mgr Ewing gu bheil e deimhinnte gum faighear na freagairtean a tha a dhìth an turas seo, mar eisimpleir, dòighean air pàigheadh airson na càbail a chur an sàs airson buannachd a thoirt dhan choimhearsnachd agus an cumhachd a thoirt a-mach.

Coinneamh

Chaidh coinneamh a chumail ann an Glaschu Dimàirt far an robh luchd-leasachaidh SHE Transmission, seirbheisich chatharra agus riochdairean bho na trì buidhnean eileanan an làthair.

Aig a' choinneamh, dh'innis SHE Transmission nach b' urrainn dhaibh a-nis càbal a chur a-null dha na h-Eileanan Siar gu co-dhiù 2019, dà bhliadhna eile nas fhadalaiche na bha dùil.

Thuirt riochdaire bho SHE Transmission gun robh iadsan deiseil airon fios a chur gu Ofgem mu na bha san amharc aca, 's gun robh iad ag iarraidh gealltanais bhon luchd-leasachaidh tràth sa Bhliadhn' Ùir gun robh iadsan airson a dhol air adhart.

Fearghas Ewing Chaidh aithisg-rannsachaidh a dhèanamh roimhe fo stiùireadh Mhgr Davey agus Mhgr Ewing, a' moladh gum bu chòir taic subsadaidh a bhith ann do dhealan anns na h-Eileanan.

An dèidh sin, thuirtear gun toireadh Ofgem co-dhiù 15 mìosan a' beachdachadh air an sin, 's gur e sin a bha a' cur dàil air a' chùis.

Dòchasach

Tha an luchd-leasachaidh fhathast dòchasach, ag ràdh nach eil seo a' dol a chur cus dàil air na planaichean aca-san - 's e fios le cinnt as motha a tha a dhìth.

Bha cuid dhiubh an-fhoiseil gu bheil SHE Transmission ag iarraidh gealltanais bhuapa-san san Fhaoilleach, 's iadsan fhathast a' feitheamh fiosrachaidh bho Ofgem sa Mhàrt mu na tha e a' dol a chosg an dealan a thoirt a-mach.

Le ceann-là às dèidh cinn-là a' dol seachad, thathas a' fàs beagan amharasach mu dè dìreach a tha am beachd SHE Transmission.

Deagh rùn

Uair is uair tha Mgr Ewing air a ràdh gum biodh e gòrach mura deadh an cumhachd a tha seo, an cumhachd as fheàrr a th' anns an Roinn Eòrpa, a chur gu feum, gu maith an t-sluaigh.

Ged a tha esan a' tighinn thuige le deagh rùn, 's ann aig Riaghaltas Bhreatainn a tha am facal mu dheireadh mu rudan leithid Ofgem agus cosgaisean na h-obrach, agus mar sin, tha e airson Ed Davey, Ministear Chumhachd Riaghaltas Bhreatainn, a thoirt a-steach dhan chùis.

Chaidh aithisg-rannsachaidh a dhèanamh roimhe fo stiùireadh Mhgr Davey agus Mgr Ewing, a' moladh gum bu chòir taic subsadaidh a bhith ann do dhealan anns na h-Eileanan.

Thill Riaghaltas Bhreatainn leis an aon phrìs do na trì buidhnean de dh'eileanan - £115 gach megawatt - prìs nach eil a' freagairt air Arcaibh no na h-Eileanan Siar, ged a tha e a' freagairt air Sealtainn.

Às aonais fhreagairtean gu ruige seo, chan eil dearbhadh sam bith gum faighear fuasglaidhean aig an ath cho-labhairt san Fhaoilleach.

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Sgeulachdan co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC airson na tha air làraich-lìn eile.

Sgeulachdan aithriseach

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.