Gearraidhean ùra do dh'iasgairean

  • 18 An Dùbhlachd 2013
Maosgain Chaola
Image caption Bidh gearradh ann an cuid de chuotan.

Thàinig còmhraidhean iasgaich na h-Eorpa gu crìoch anns a' Bhruiseal le buille do dh'iasgairean air a' Chosta an Iar.

Chaidh aontachadh gum bi gearradh anns na cuotan airson maosgan caola agus mac-làmhaich.

Bha naideachd nas fheàrr ge-tà le aonta nach tèid lùghdachadh a dhèanamh air na làithean a dh'fhaodas iasgairean Albanach a bhith aig muir.

Cha tèid cuota a stèidheachadh airson trosg, rionnach agus adag sa Chuan a Tuath gus an tig còmhraidhean eadar an EU agus Nirribhidh gu crìoch aig deireadh na h-àth-mios.

Thuirt Bertie Armstrong bho Chaidreachas Iasgairean na h-Alba gur e aonta math a bh'ann san fharsaingeachd.

Dh'aidich Mgr Armstrong ge-tà nach robh an gnothach buileach cho math do dh' iasgairean air a' chosta an iar.

Thuirt e gun dèan iasgairean strì gus aonta fàbharach fhaighinn aig na còmraidhean sa bhliadhna ùr.