Cidhe ùr ann am Muile

  • 18 An Dùbhlachd 2013
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Chaidh cidhe ùr do bhàtaichean-bathair fhosgladh ann am Muile.

Chaidh cidhe ùr do bhàtaichean-bathair fhosgladh ann am Muile Diluain.

Bha Ball-Pàrlamaid Albannach na sgìre, Mìcheal Russell, an làthair gus an goireas fhosgladh gu h-oifigeil.

Thèid an cidhe, a chosg £3m a thogail, a chleachdadh gus craobhan a thoirt far an eilein.

Coimisean na Coilltearachd

Tha Coimisean na Coilltearachd a' tomhas gum fàg 50,000 craobh an t-eilean anns a' chiad bhliadhna, ach gum faodadh an àireamh sin dùblachadh san dàrna bliadhna.

Is coltach gu bheil 25 millean craobh air Muile agus, mar sin, tha obair coilltearachd cudromach do mhuinntir an eilein.

Gu ruige seo, cha robh e furasta craobhan a bhuain, 's bha mòran dhiubh a' fagail an eilein air na h-aiseagan. Ach a-nis, tha cidhe shònraichte aig Fisnis.

Dh'fhaodadh gun tèid an cidhe ùr a chleachdadh airson rudan eile cuideachd, mar eisimpleir, gus salann a thoirt a-steach airson na rathaidean sa gheamhradh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile