Bochdainn connaidh a' dol am meud

  • 17 An Dùbhlachd 2013
Gas
'S e na h-Eileanan an Iar an t-àite as miosa ann am Breatainn a thaobh bochdainn connaidh.

Tha tomhas ann gum faodadh seachd anns gach deich de dhachaighean nan Eilean Siar a bhith a' fulang le bochdainn connaidh, a rèir Taighean Innse Gall.

Tha iad air rannsachadh ùr a thòiseachadh mu na tha daoine a' cosg a' teasachadh an dachaighean, agus na seòrsachan taighean a th' anns an sgìre.

Thuirt a' bhuidheann gu bheil tuilleadh fiosrachaidh a dhìth gus argamaid a dhèanamh 'son barrachd taic fhaighinn.

A rèir Riaghaltas na h-Alba, tha taigh ann am bochdainn connaidh ma 's e is gu bheil na daoine a tha a' fuireach ann a' cosg còrr is 10% den teachd-a-steach aca air connadh gus an taigh a chumail blath.

As miosa

'S e na h-Eileanan an Iar an t-àite as miosa ann am Breatainn a thaobh bochdainn connaidh. Ann an 2011, sheall figearan an Riaghaltais gun robh 53% de thaighean a' fulang.

Dh'innis Oifigear Bochdainn Connaidh Thaighean Innse Gall, Ciorstaidh NicIllinnein, gu bheil prìsean a' chonnaidh air a dhol an-àirde dà thuras on uair sin agus, mar sin, gum faodadh gu bheil an àireamh a-nis nas fhaisge air 70%.

B' àbhaist gur ann air daoine nach eil cho math dheth a bhiodh a' bhochdainn a' bualadh ach, leis nach eil tuarastail dhaoine air a dhol an-àirde mar a tha prìs a' chonnaidh, tha a' bhuaidh a' sgaoileadh fad is farsaing.

Seann taighean

Tha an àireamh de sheann taighean sna h-Eileanan cuideachd na dhuilgheadas, le cosgais mòr an lùib nan taighean sin a dhèanamh an-àirde gu ìre 's gum faighear air teas a chaomhnadh annta.

Dh'innis A' Mh. NicIllInnein gur e còmhdach air na ballachan a-muigh a nì diofar do dhaoine - a thaobh blàths agus airgid.

Tha Taighean Innse Gall air ceisteachan a sgaoileadh agus thèid am fiosrachadh a thilleas chun an Riaghaltais.