Loidhne-rèile Shrath Pheofhair

  • 16 An Dùbhlachd 2013
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Tha còrr is 60 bliadhna bho thadhail an t-einnsean mu dheireadh air seann stèisean a' bhaile.

Tha coltas ann gum faodadh trèanaichean a bhith a' ruith a-rithist air loidhne-rèile Srath Pheofhair.

Tha còrr is 60 bliadhna bho thadhail an t-einnsean mu dheireadh air seann stèisean a' bhaile.

Tha Comann Rèile-Smùide Shrath Pheofhair ag amas air einnsean-smùide a ruith air loidhne-rèile ùr faisg air an t-seann stèisean.

Tha iad air cead-dealbhachaidh a chur a-steach do Chomhairle na Gàidhealtachd agus tha dùil gun cosgadh an sgeama na milleanan notaichean.

Dhùin Stèisean Shrath Pheofhair do thrèanaichean sa bhliadhna 1952 agus a-nis tha bùithtean anns an t-seann togalach.

Stèisean

Chaidh an stèisean a thogail anns an 19mh Linn, nuair a bha Srath Pheofhair fhathast trang le daoine a' tighinn bho gach ceàrn gus na h-uisgeachan ainmeil aig an spà a ghabhail.

Ach, nuair a dh'atharraich fasanan dhaoine, chaidh an stèisean a dhùnadh.

Bha eachdraidh caran mì-fhortanach aig Srath Pheofhair a thaobh na rèile, a rèir an eòlaiche thrèanaichean, Alasdair MacCaluim: "Bha còrr aig loidhne a' Chaoil a bhith a' dol tro Shrath Pheofhair an toiseach, ach bha na h-uachdarain an aghaidh sin."

B' ann 20 bliadhna an dèidh do na h-uachdarain loidhne a' Chaoil a dhiùltadh a chaidh an rathad-iarann a bha a' dol dìreach gu Srath Pheofhair a thogail.

Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Dhùin Stèisean Srath Pheofhair do thrèanaichean sa bhliadhna 1952 agus a-nis tha bùithtean anns an t-seann togalaich.

"Nam biodh iad air a dhol gu Srath Pheofhair anns a' chiad dol a-mach, cha bhiodh aca ris an loidhne-rèile ath-fhosgladh a-nis," thuirt Mgr MacCaluim.

Comann Rèile-Smùide Shrath Pheofhair

Tha Comann Rèile-Smùide Shrath Pheofhair a-nis ag amas air pàirt den t-seann loidhne-rèile fhosgladh a-rithist agus einnsean-smùide a ruith air.

'S e an t-amas aca trèana a ruith mar iomairt dualchais airson luchd-turais agus muinntir a' bhaile.

Chan eil rathad-iarrainn ann an-diugh; tha craobhan air fàs thairis air agus tha feum air obair mhòr mus ruith trèana oirre a-rithist.

Ma shoirbhicheas leis a' chead-dealbhachaidh, tòisichidh a' bhuidheann air airgead a thogail.

Thog còrr is 400 litrichean-taic aca airson an sgeama agus iad den làn-bheachd gun toir e daoine bho air feadh an t-saoghail dhan sgìre.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile