Beachdan measgaichte mu Array Thiriodh

  • 16 An Dùbhlachd 2013
Crann-gaoithe
Bha suas ri 300 crann gu bhith san leasachadh.

Chuir a' bhuidheann ''No Tiree Array'' fàilte air an naidheachd nach tèid an tuath-gaoithe a bh' anns an amharc far chosta Thiriodh air adhart a-nis.

Bha suas ri 300 crann gu bhith anns a' phròiseact.

Tha cuid eile den bheachd gur e call a th' ann gun do leig Scottish Power Renewables às an cuid phlanaichean ge-tà.

"Tha measgachadh a' dol a bhith ann," thuirt Donaidh Caimbeul a tha a' fuireach an Tiriodh.

"Tha cuid bheag, gu math beag, a bhiodh glè thoilichte leis a seo. Bha cuid ann nach robh ceangal aca ris an eilean idir.

"Ach bha feadhainn dhiubh a' fantail san eilean, 's bha feadhainn eile air Tìr Mòr.

"Bha iad fiadhaich. Bha iad an aghaidh an leasachaidh, agus bidh iadsan gu math toilichte.

"Chan urrainn dhomh a ràdh gun robh a' mhòr-chuid air a shon gun dragh sam bith a bhith aca.

"Ach bha a' mhòr-chuid, bha iad ag iarraidh sealltainn a dh'fhaicinn dè feum a dhèanadh e.

"Agus fhad 's nach robh an leasachadh a' dol a bhith air a dhèanamh ann an dòigh dona sam bith, gun toireadh seo dhuinn teansa, dh'fhaoidte leasachadh fhaighinn airson eaconamaidh an eilein, agus airson an t-suidheachaidh shòisealta a th' anns an eilean.

"Airson tha an t-eilean a' feum leasachadh air choireigin," thuirt e.