Àireamhan oileanach a' fàs

  • 16 An Dùbhlachd 2013
Eaglais Shaor na h-Alba
Image caption Fad bhliadhnaichean, tha Colaiste na h-Eaglaise Saoire air oideachadh agus trèanadh a thoirt don ath-ghinealach de mhinistearan na h-eaglaise.

Tha barrachd oileanach aig Colaiste na h-Eaglaise Saoire am-bliadhna na th' air a bhith ann airson còrr is 10 bliadhna.

An-uiridh, thòisich còignear oileanach ùra aig a' Cholaiste ann an Dùn Èideann, ach am-bliadhna tha sin air èirigh gu 14, an àireamh as mòtha a th' air a bhith ann bhon bhliadhna 2000.

Tha seo a' tighinn agus an Eaglais a' toirt crathaidh mhòir air a' Cholaiste, le barrachd chùrsaichean pàirt-ùine ri fhaotainn agus, bhon ath-bhliadhna, bidh ainm ùr oirre - Sgoil Dhiadhaireachd Dhùn Èideann.

Fad bhliadhnaichean, tha Colaiste na h-Eaglaise Saoire air oideachadh agus trèanadh a thoirt don ath-ghinealach de mhinistearan na h-eaglaise.

Mun àm seo den bhliadhna, tha na h-oileanaich trang a' deisealachadh airson nan deuchainnean.

Dh'innis fear dhiubh, Sean Ankers às a' Ghearasdan, gu bheil na clasaichean beaga nan cuideachadh, 's iad a' toirt cothrom dhan h-uile duine a bhith eòlach air càch a chèile, agus a bhith eòlach air na h-Ollamhan cuideachd.

Prionnsabal na Colaiste

A rèir Prionnsabal na Colaiste, An t-Urr. Ìomhar Màrtainn, tha a' Cholaiste air atharrachadh a thoirt air an dòigh sam bithear a' lìbhrigeadh nan cùrsaichean.

"Tha barrachd chùrsaichean ann a-nis, pàirt-ùine mar eimsimpleir, a' toirt cothrom do na h-oileanaich a bhith a' foghlaim cuid den t-seachdain agus ag obair air na làithean eile," dh'innis An t-Urr. Màrtainn.

Image caption Tha a' Cholaiste air atharrachadh a thoirt air an dòigh sam bithear a lìbhrigeadh nan cùrsaichean.

Tha freumhan na h-Eaglaise Saoire san Dealachadh Mòr a thachair ann an 1843, nuair a dh'fhàg cha-mhòr 500 ministear Eaglais na h-Alba.

Tha dealachadh eile a' tachairt san là an-diugh, le cuid de choithionalan air Eaglais na h-Alba fhàgail agus iad mi-riaraichte le seasamh na h-eaglaise air ministearan gèidh.

"Chan eil càil a dh'fhios aig duine dè tha dol a thachairt," thuirt An t-Urr. Màrtainn.

"'S e ar dòchas gum bi sinne feumail do dhuine sam bith a tha ag iarraidh Ministrealachd a dhèanamh ann an Alba."

Nochd figearan am-bliadhna gu bheil an àireamh de dhaoine a bhios a' frithealadh sheirbheisean na h-Eaglaise Saoire air a dhol suas bho 2007.

Tha na figearan sin, agus an t-àrdachadh san àireamh de dh'oileanaich aig a' Cholaiste, a' toirt misneachd dhan Eaglais Shaoir airson nam bliadhnaichean ri teachd.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile