Dragh mu ghnothachasan Steòrnabhaigh

  • 16 An Dùbhlachd 2013
Rabhadh bho luchd-gnothaich mu ghnìomhachasan Steòrnabhaigh.

Thàinig rabhadh bho luchd-gnothaich ann an Steòrnabhagh gu bheil na h-uidhir de ghnothachasan anns a' bhaile ann an cunnart dùnadh.

Thathar ag ràdh gu bheil ùine mhòr bho bha cùisean cho duilich dhaibh.

Tha ceithir thaighean-òsta dùinte no air a' mhargaidh agus, a-muigh air an dùthaich, tha cuid de luchd-gnothaich ag ràdh gu bheil an teachd-a-steach aca air tuiteam an còigeamh cuid.

Thuirt Seonaidh MacRisnidh, leis a bheil Taigh-òsta a' Chounty, gu bheil an crìonadh gu math follaiseach agus gu bheil atharrachadh mòr air a thighinn air a' bhaile sna deich bliadhna a chaidh seachad.

Rannsachadh ùr

"Ma leanas e air mar a tha e an dèidh a bhith, anns a' bhliadhna a chaidh seachad, tha mi a' smaoineachadh gur e glè bheag de dh'àiteachan a bhios air fhàgail ann am meadhan baile Steòrnabhaigh," thuirt Mgr MacRisnidh.

Ao-coltach ris an t-suidheachadh ann an Steòrnabhagh, tha fianais air nochdadh gu bheil barrachd misneachd am measg luchd-fastaidh na h-Alba mu staid na h-eaconamaidh.

Sheall rannsachadh a rinn Banca na h-Alba gun tàinig àrdachadh air an àireamh dhaoine a th' air cosnaidhean fhaighinn, agus gun robh àrdachadh an dà chuid anns na h-àireamhan a fhuair obraichean làn-ùine agus pàirt-ùine.