Cò às a thàinig an Cupa?

  • 16 An Dùbhlachd 2013
Cupa an t-Sutharlanaich
An cupa a nochd aig rùp ann an Sasainn.

'S e farpais iomain ainmeil a th' ann an Cupa an t-Sutharlanaich, cupa brèagha a chuir Sir Uilleam Mac an t-Sutharlanaich air adhart an toiseach ann an 1923.

'S e ball-pàrlamaid Libearalach do dh'Earra-Ghàidheal a bha san t-Sutharlanach is coltas ann gun robh ùidh aige sa chamanachd.

Bidh na sgiobaidhean as fheàrr aig ìre junior fhathast a' farpais airson a' chupa gach bliadhna.

An cuala sibh a-riamh ge-tà mu Chupa an t-Sutharlanaich eile - a chuir an dearbh dhuine air adhart ann an 1905?

Rùp

Tha eòlaichean air a bhith a' meòrachadh air a' ghnothach bho fhuair Gilleasbuig Fearghasdan san Eilean Sgitheanach lorg air a' chupa agus e a' cladhach anns na bha ga reic aig rùp ann an Colchester ann an Sasainn.

"Chuir mi a-steach 'Gàidhlig' is thàinig an cupa a tha seo am bàrr," thuirt Gilleasbuig.

"Seo mar a bha e air a chur:

"Presented for the national junior championship for the Gaelic game of Shinty in Scotland by Sir William Sutherland MP in 1905"

"Chan e seòrsa rud air a bheil eòlas sam bith agamsa," arsa Gilleasbuig, "ach shaoil mi sa mhionaid uarach, tha fios agam air aon duine co-dhiù aig am bi ùidh mhòr ann".

Tasglann

Cò eile ach eòlaiche na h-iomain, Uisdean MacIllinneinn, a tha an-dràsta fhèin aig teis-mheadhan oidhirp gus tasglann a stèidheachadh dhan iomain.

"Cha robh sian de dh'fhios agamsa gun robh leithid de chupa ann agus b'fheudar dhomh beagan rannsachaidh a dheànamh ach am faicinn an robh eachraidh an lùib na cùise," thuirt Uisdean.

"S e cnag na cùise nach eil sian de dh'fhios againn air càil mu dheidhinn ach mu dheidhinn an t-Sutharlanaich fhèin.

"Tha fhios againn cò e is dè am pàrtaidh a bh' aige, is dè am pàirt a bh' aige san Riaghaltas aig an àm, agus gun do chuir e cupa eile air adhart is gu bheil sinn eòlach gu lèor air fhathast."

Chuir Gilleasbuig is Uisdean air dòigh gun ceannaicheadh iad an cupa fhad 's bhathar a' rannsachadh a chuid eachdraidh.

'S dòcha nach do thuig muinntir an rùp builleach luach a' chupa, is chaidh a cheannach 'son £95.

Lunnainn

Tha Uisdean a-nise den bheachd gur e feadhainn anns a' choimhearsnachd Ghàidhealaich ann an Lunnainn a bha a' farpais air a shon, 's dòcha aig àm na bliadhna ùire.

"Aig toiseach an 20mh linn bha iomain aig àirde ann an Lunnainn.

"Bhiodh sgiobaidhean Lunnainn a' tighinn suas chun na Gàidhealtachd air tursan, a' dol suas gus am faiceadh iad dè an spòrs a bh' aig na Gàidheil aig an àm.

"Bha cuid dhiubh a bhuinneadh dhan Ghàidhealtachd fhèin ach a' mhòr-chuid, cha robh sgot aca tha mi cinnteach dè bha a' tachairt air a' Ghàidhealtachd, is bha iad a' faicinn saoghal na camanachd mar rud annasach," thuirt e.

Sàbhailte

Tha gu leòr ri ionnsachadh fhathast mun chupa, a tha a-nise sàbhailte ann an làmhan Uisdein.

'S dòcha air a' cheann thall gum faigh e dachaigh ann an tasglann na camanachd, rud air a bheil Uisdean is Comann na Camanachd ag obair an-dràsta.

"S e pìos de dh'eachdraidh na camanachd a tha seo is cha robh sian de dh'fhios againn gun robh an leithid ann," thuirt Uisdean.

"Chan e duais uabhasach mòr no eireachdail a th' ann an taca ri Cupa na Camanachd no duais mar sin.

"Tha e cudromach ge-tà, gu bheil e a-nise againn agus gun urrainn a ghlèidheil," thuirt e.