Poidseadh air oighreachd Àird nam Murchan

  • 13 An Dùbhlachd 2013
Fèidh ruadha
Tha oighreachd Àird nam Murchan ag ràdh gu bheil buidheann de phoidsearan air a bhith a' sealg bheathaichean gu ìre choimearsalta air an talamh aca.

Tha uachdaran air a' Ghàidhealtachd a' tabhann suas ri £5,000 airson fiosrachadh a bhiodh feumail gus poidsearan a chur an grèim.

Tha Poilis na h-Alba air dearbhadh gu bheil iad a' rannsachadh tachartais air oighreachd Àird nam Murchan, 's an t-uchdaran a' cumail a-mach gu bheil buidheann de phoidsearan air a bhith a' marbhadh bheathaichean airson an reic.

A rèir na h-oighreachd tha gunnaichean cumhachdach agus uidheamachd airson an cumail sàmhach aig na poidsearan, agus tha iad air a bhith a' sealg bheathaichean gu ìre choimearsalta air an talamh aca.

Tha iad a' cumail a-mach gu bheil iad a' reic nan closaichean airson suas ri £250 an urra.

Dhearbh Poilis na h-Alba gu bheil iad air rannsachadh a chur air dòigh ann an Àird nam Murchan.

Thuirt oifigearan nach bu chòir do mhuinntir an àite feuchainn ri dèiligeadh leis na poidsearan, ach fios a chur air na poilis.