Clach-mhìle Bhaile an Truiseil

  • 11 An Dùbhlachd 2013
An crann gaoithe ann am Baile an Truiseil Image copyright Urras Oighreachd Ghabhsainn
Image caption Ged is e dìreach aon chrann a tha an-àirde aig an ìre seo, tha cead aig an Urras dhà eile a thogail.

Ràinig pròiseict chumhachd ath-nuadhachail aig Urras Oighreachd Ghabhsainn ann an ceann a tuath Leòdhais clach-mhìle Dimàirt.

Beagan an dèidh 3:00f, chuir sgiathan a' chrainn-ghaoithe ùir aca ann am Baile an Truiseil car airson a' chiad uair.

B' e seo a' chiad chrann de thrì a tha an t-Urras airson a thogail san sgìre.

Dh'innis Cathraiche an Urrais, Tormod MacThòmais, gu bheil beagan obrach fhathast ri dhèanamh ach, an ceann là no dhà, gum bithear deiseil airson cumhachd a chruthachadh a thèid dhan loidhne ùr a thathas air a thogail eadar Baile an Truiseil agus Barabhas.

Às an sin, thèid an dealan dìreach dhan Ghriod Nàiseanta.

Mar a h-uile coimhearsnachd a tha a' cruthachadh cumhachd ath-nuadhachail mar seo, feumar an dealan a reic.

Chaidh cùmhnant aontachadh leis a' bhuidhinn "Cumhachd a' Cho-op" airson dealan a' reic ris a' mhargaidh, agus fon sin gheibh an t-Urras teachd a-steach mìosail.

Cosgaisean

A thaobh an airgid a gheibhear air ais, thuirt Mgr MacThòmais gu bheil cosgaisean mòra an lùib na pròiseict fhèin.

Chosg e £2.4m a' chiad chrann a chur an-àirde leis an airgead a' tighinn bho Bhanca a' Cho-op, an Crannchur Nàiseanta, Riaghaltas na h-Alba agus an t-Urras fhèin.

Thuirt e: "Chaidh tòrr airgid fhaighinn air iasad a dh'fheumas a bhith air a phàigheadh air ais.

"A thuilleadh air an sin, bidh riadh ri phàigheadh air an airgead. Mar sin, air a' chiad bhliadhna, cha bhi airgead ann airson na coimhearsnachd fhèin."

Aon uair 's gun tòisichear a' dèanamh prothaid, thèid an t-airgead a dh'ionnsaigh diofar phròiseictean sa choimhearsnachd.

Anns an t-Samhain, fhuair Urras Oighreachd Ghabhsainn duais shònraichte agus aithne oifigeil dhan iomairt airson crann-gaoithe a stèidheachadh ann am Baile an Truiseil.

Duais

Chaidh an duais 'son na pròiseict coimhearsnachd as fheàrr a thoirt seachad aig cuirm mhòr 'Energy North' ann an Inbhir Nis.

Ged is e dìreach aona chrann a tha an-àirde aig an ìre seo, tha cead aig an Urras dhà eile a thogail.

Leis gu bheil mòran den obair-ullachaidh dèante, cha bhi na crainn eile cho cosgail.

Tha dùil gun tèid na crainn eile a thogail ann an 2015.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile