Sgrùdadh pàrlamaideach air eaconamaidh na h-Alba

  • 11 An Dùbhlachd 2013
Airgead Albannach Image copyright PA
Image caption Coimheadaidh buill air mar a bhiodh eaconamaidh na h-Alba mar phàirt den RA, agus na dùthaich neo-eisimeilich.

Nì buill na Pàrlamaid Albannaich rannsachadh air na dh'fhaodadh a bhith anns an amharc gu h-eaconamach do dh'Alba às dèidh an referendum air neo-eisimeileachd.

Tha Comataidh Eaconamachd na Pàrlamaid den bheachd gur e an cuspair sin, agus cùisean ionmhais, a ghluaiseas mòran gus bhòtadh anns an referendum.

Tha a' Chomataidh ag ràdh gu bheil iad airson obair-sgrùdaidh a dhèanamh air cò ris a tha daoine a' sùileachadh a bhios an dùthaich coltach gu h-eaconamach às dèidh dhan referendum air neo-eisimeileachd na h-Alba a bhith ann an ath-bhliadhna.

Am measg nan cuspairean ris am bi iad a' coimhead, tha cìsean agus malairt eadar Alba agus an còrr den Rìoghachd Aonaichte, a thuilleadh air dùthchanan eile.

Tha Neach-gairm na Comataidh, am BPA Tòraidheach Murchadh Friseal, ag ràdh gun tèid beachdan pearsanta gach buill a chur an dàrna taobh airson an obair-sgùdaidh seo a dhèanamh.

Thuirt e cuideachd gu bheil làn-dùil aig a' Chomataidh ministearan aig àrd-ìre a cheasnachadh mu chùisean eaconamachd, bhon dà chuid Riaghaltas na h-Alba, agus Riaghaltas Bhreatainn.

Tha a' Chomataidh cuideachd airson beachdan luchd-gnothachais a chluinntinn.

Tha dùil gum mair na sgrùdadh mu cheithir mìosan, 's gun tig e gu crìch goirid mus bi an referendum fhèin ann.