Dòchas mu theip dearg an àiteachais

  • 10 An Dùbhlachd 2013
Talamh-àitich
Image caption Thèid co-chomhairleachadh a dhèanamh air na molaidhean.

Tha aithisg air a bhith a' lùdachadh na tha de theip dearg ann an àiteachas an Alba air 72 mholadh fa-leth a nochdadh.

Thèid co-chomhairleachadh a dhèanamh air na molaidhean am measg thuathanach, a mhaireas trì mìosan, mus tèid an aithisg a chur fa chomhar mhinistearan an Riaghaltais Albannaich an ath-bhliadhna.

Thuirt ùghdar na h-aithisg, Brian Pack, gur e a tha fa-near dha, lùghdachadh a thoirt air na tha de theip dearg ann an àiteachas agus manaidsearachd fearainn, ga dhèanamh nas fhasa tighinn dha rèir, agus earbsa a thogail eadar tuathanaich agus na h-ùghdarrasan.

Tha e den bheachd gun dèanadh na molaidhean a th' anns an aithisg sin.

"Tha mi misneachail dha-rìribh gun tèid againn air diofar a dhèanamh," thuirt e.

"Feumaidh mi a ràdh gur e pròiseas caran fada, dùbhlanach a th' ann a bhith a' cruinneachadh na fianais 's a bhith a' feuchainn ri tuigsinn na tha a' dol air adhart.

"Aig amannan, cha-mhòr nach creidinn nach gabhadh e dèanamh.

"Ach a-niste 's an aithisg 's na molaidhean againn air an cur ri chèile, tha mi gu math dòigheil 's dòchasach gun dèan sinn diofar.

"Saoilidh mi gum faod siostam fada nas èifeachdaiche a bhith againn troimhe sin, a chuidicheas le fàs na h-eaconamaidh," thuirt e.