Cothrom a' tighinn gu ceann

  • 10 An Dùbhlachd 2013
Cothrom
Image caption Chaidh taic-airgid Chlì a reothadh le Bòrd na Gàidhlig.

Tha ceistean às ùr air èirigh mu thaic-airgid na Gàidhlig an dèidh na naidheachd gu bheil iris an luchd-ionnsachaidh Cothrom a' dol à bith air sgàth cion airgid.

Tha Bòrd na Gàidhlig air an t-ionmhas a tha iad a' toirt don bhuidhinn Clì Gàidhlig a tha ga fhoillseachadh, a reothadh.

'S e Cothrom an aon iris Ghàidhlig a bh' air fhàgail, an dèidh do Ghairm, Gath 's an Gàidheal Ùr a dhol à bith.

Cha robh duine aig Clì Gàidhlig deònach dad a ràdh.

Ach tha am BBC a' tuigsinn gu bheil cion airgid air a' bhuidhinn.

Thuirt Bòrd na Gàidhlig nach b' urrainn dhaibh airgead a bharrachd a thoirt dhaibh seach gu bheil Riaghaltas na h-Alba air buidseat a' Bhùird fhèin a reothadh airson trì bliadhna, an dèidh dhaibh a ghearradh ron a sin.

Tha ceistean ann a-nis mun bhuaidh a tha gearraidhean Riaghaltais agus an staing eaconamach a' toirt air leasachadh a' chànain.

Ach 's e sgeul eile a th' ann do dh'airgead telebhisean na Gàidhlig.

Dh'innis Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte gu bheil iad a' dol a dhìon airgead BBC ALBA bho ghearraidhean.

Thuirt iad cuideachd gu bheil iad a' dol a chumail ri an gealladh £1m a bharrachd a chur ri MG ALBA ann an 2016.

Tha sin a dh'aindeoin 's gum feum roinnean an Riaghaltais gearraidhean de £1bn gach bliadhna a lorg anns an ath thrì bliadhna.

Thuirt Rùnaire a' Chultair, Maria Miller, gu bheil a' Ghàidhlig na pàirt mòr de dh'ioma-chultarachd na dùthcha agus gu bheil e cudromach sin a dhìon.

Thuirt i cuideachd gu bheil i toilichte gun urrainn don Riaghaltas leantainn orra a' toirt taic do chraoladh mhion-chànain ann an Alba, a dh'aindeoin trioblaidean eaconamach na dùthcha.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile