Treas cuid a' choithionail airson fuireach

  • 9 An Dùbhlachd 2013
Àrd-Eaglais Steòrnabhaigh
Image caption Thuirt Clèir Leòdhais gum biodh fhathast coithional ann don fheadhainn a bha airson fuireach ann an Eaglais na h-Alba.

Tha Clèir Leòdhais air innse gu bheil an treas cuid de choithional Àrd-Eaglaise Steòrnabhaigh airson fuireach fo sgèith Eaglais na h-Alba.

Ann am bhòt a chùm seisean na h-Àrd-Eaglaise san t-Samhain, thàinig e am bàrr gun robh còrr is 80% den choithional airson Eaglais na h-Alba fhàgail ri linn seasamh na h-eaglaise air ministearean gèidh.

Aig an àm, thuirt Eaglais na h-Alba nach robh iad deònach càil a ràdh mun chùis gus an robh co-dhùnadh na bhòt oifigeil aca.

Tha co-dhùnaidhean Clèir Leòdhais a-nis air a thighinn agus tha a' chùis a' coimhead rud beag eadar-dhealaichte le beagan nas lugha na an treas cuid airson fuireach, 30%, agus 69% airson falbh.

Ged a dh'fhàgadh cuid, thuirt Clèir Leòdhais gum biodh fhathast coithional ann dhan fheadhainn a bha airson fuireach ann an Eaglais na h-Alba.

Thuirt seisean na h-Àrd-Eaglaise gun tigeadh brath bhuapa nuair a bha cothrom air a bhith aca coinneamh a ghairm.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile