Sgudal niuclasach air a' mhuir

Dh'fhaodadh gun tèid sgudal niuclasach à Dùnrath ann an Gallaibh a chur a Chumbria air a' mhuir airson giollachd.

Tha Ùghdarras an Dì-choimiseanaidh Niuclasaich, a tha an urra ri bhith a' toirt obair Dhùnrath gu crìch, ag ràdh gu bheil iad a' beachdachadh air luingeas, a thuilleadh air trèanaichean, airson an sgudal niuclasach a ghluasad.

Thèid luchdan beaga den sgudal a ghluasad gu deas ann an sreath de thursan a thòisicheas deireadh 2014, le dùil gum mair sin sia bliadhna.

Sgeulachdan aithriseach

  • CofaidhCofaidh is Craic an Glaschu

    Fosglaidh cafaidh ùr ann an Glaschu an ath-mhìos do choimhearsnachd Gàidhlig a' bhaile.


  • DìleasRobo Chù Listen

    Luchd-saidheans ag ràdh gun gabhadh ròbotan a chleachdadh an àite chon-chaorach airson caoraich a bhuachailleachd.


BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.