Inbhe ga buileachadh air Dorchadas Cholla

Slighe Uisne Fhuair an t-eilean sgòr a bha cha-mhòr foirfe.

Tha muinntir Eilein Cholla a' dèanamh gàirdeachais ris an naidheachd gun deach inbhe Speuran Dorcha a bhuileachadh air an eilean, mar shàr-àite do luchd-amhairc nan reul.

'S ann am muile, 20 mìle air falbh, a tha an solas-sràide as fhaisge.

Tha an inbhe seo a' tighinn às dèidh nam bliadhnaichean de dh'obair a rinn Buidheann Speuran Dorcha Cholla.

Tha a' bhuidheann air a bhith a' cumail sùil air truailleadh solais san eilean, agus a' toirt bhulbaichean a-mach ma bha iad a' toirt buaidh air dorchadas na h-oidhche.

Fhuair an t-eilean sgòr a bha cha-mhòr foirfe bho Bhuidinn Eadar-nàiseanta nan Speuran Dorcha.

Sgeulachdan aithriseach

  • CofaidhCofaidh is Craic an Glaschu

    Fosglaidh cafaidh ùr ann an Glaschu an ath-mhìos do choimhearsnachd Gàidhlig a' bhaile.


  • DìleasRobo Chù Listen

    Luchd-saidheans ag ràdh gun gabhadh ròbotan a chleachdadh an àite chon-chaorach airson caoraich a bhuachailleachd.


BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.