Atharrachadh air buidhnean saor-thoileach

Ann an 2009 leig Comhairle Bhuidhnean Saor-Thoileach Uibhist às an inbhe fhèin agus chaidh iad còmhla ris An Treas Roinn Innse Gall.

Tha a h-uile coltas gum bi sgaradh anns a' bhuidhinn shaor-thoilich, An Treas Roinn Innse Gall, a dh'aithghearr.

Ann an 2009 leig Comhairle Bhuidhnean Saor-Thoileach Uibhist (UCVO) às an inbhe fhèin agus chaidh iad còmhla ris An Treas Roinn Innse Gall.

Tha e coltach nach do dh'obraich an còrdadh sin ge-tà agus gun tèid buidheann ùr a stèidheachadh le coinneamh èiginn gu bhith ann san Fhaoilleach.

Ionmhas

Start Quote

Cha robh buannachd ann a thaobh ionmhais idir.”

End Quote Uisdean Robasdan Comhairle nan Eilean Siar

Nuair a chaidh innse dhan bhuidhinn gun deigheadh an t-ionmhas a bha a' tighinn a-steach on Riaghaltas a roinn eadar buidhnean nan Eilean Siar air fad - Leòdhas, Na Hearadh, Uibhist agus Barraigh - aig an àm, cha do dh'aontaich sin a dhèanamh ach Leòdhas agus Uibhist.

Bhathar den bheachd, nam biodh aon bhuidhinn làidir air a stèidheachadh, gum faigheadh iad an t-ionmhas a bha riatanach do na h-eileanan fa-leth, ach cha b' ann mar sin a dh'obraich cùisean.

Thuirt Uisdean Robasdan, a bha na stiùiriche air an dà bhuidhinn: "Cha robh buannachd ann a thaobh ionmhais idir.

"Chùm na Hearadh agus Barraigh a' faighinn an aon ionmhais 's a bha iad a' faighinn co-dhiù, agus a thaobh Uibhist agus Leòdhais, saoilidh mi gun do lagaich an dà bhuidhinn ann an dòigh," thuirt e.

Dh'innis Mgr Robasdan gu bheil buill bho bhuidhnean Uibhist agus Leòdhais a' faireachdainn gum bithear na b' fheàrr dheth an dèidh sgaradh o Threas Roinn Innse Gall.

Le oifigich nam buidhnean a' call mòran ùine a' siubhal air ais 's air adhart, chaidh beachdachadh gum biodh buidhnean fa-leth na b' eifeachdaiche.

Loch nam Madadh Tha buidhnean saor-thoileach ann an Uibhist cuideachd mì-riaraichte, 's iad den bheachd gu bheil cùisean air a dhol air ais gu mòr.
Mì-riaraichte

Tha buidhnean saor-thoileach ann an Uibhist cuideachd mì-riaraichte, 's iad den bheachd gu bheil cùisean air a dhol air ais gu mòr on a chaidh an dà bhuidhinn còmhla.

Ged a tha mòran den bharail gur e ceum air ais a bh' ann do mhuinntir Uibhist, thuirt Mgr Robasdan gun robh a bhith mar phàirt de dh'aona bhuidhinn air a bhith feumail:

"A thaobh ghnothaichean ro-innleachdail, tha e air a bhith feumail ... agus a thaobh a bhith a' dèiligeadh ris an Riaghaltas, tha guth cumhachdail gu math feumail cuideachd," thuirt e.

"'S e ceum math a bhios ann, agus ceum a dh'fhàgas gu math nas làidire sinn a' dol air adhart."

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Chan eil uallach air a' BhBC airson na tha air làraich-lìn eile.

Sgeulachdan aithriseach

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.