"Cha do chuireadh siostam rabhaidh an sàs"

Luchd-adhair (bho chlì) Sqd Ldr Samuel Bailey, Flt Lt Hywel Poole agus Flt Lt Adam Sanders. Chaidh Samuel Bailey, Hywel Poole agus Adam Sanders a mharbhadh san tubaist.

Sgeulachdan co-cheangailte

Thàinig e am bàrr gun tàinig moladh bho Mhinistrealachd an Dìon (MoD) cho chionn 15 bliadhna gum bu chòir siostam rabhaidh a chur air itealain Tornado airson 's nach bualadh iad ann an itealain eile.

Cha deach an teicneòlas a chur an sàs ge-tà.

An-uiridh, chaochail triùir nuair a bhual dà itealan Tornado le chèile air a' Ghàidhealtachd.

Tha dùil ri co-dhùnadh an ceartuair am bi rannsachadh tubaiste bhàsmhoir ann mun tubaist, a thachair os cionn Linne Mhoireibh.

Thàinig an naidheachd nach deach an siostam a chur an sàs a dh'aindeoin a' mholaidh am bàrr tro iarrtas fo Achd Saorsa an Fhiosrachaidh.

Thuirt fear-labhairt dìon an SNP, Aonghas Robasadan, gur e scainneal a th' ann, is gu bheil tòrr cheistean aig an MoD ri fhreagairt.

Thuirt an MoD gu bheil dòighean eile aca 'son tubaistean eadar pleanaichean san adhair a sheachnadh, is gur ann glè ainneamh a tha tubaistean den leithid ann.

Thuirt iad ge-tà, gu bheil deuchainnean a' dol an-dràsta air siostam rabhaidh ùr, is gun tèid a chur an sàs an ath-bhliadhna.

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Sgeulachdan co-cheangailte

Sgeulachdan aithriseach

  • Gleann DailBàird Ghleann Dail

    Leabhar ùr ga fhoillseachadh a tha a' toirt ri chèile bàrdachd Dhòmhnall nan Òran agus bàrdachd a mhac, Niall 's Iain Dubh.


  • Caisteal Inbhir NisIonad-turasachd ùr san amharc?

    Buidheann-obrach ùr ga stèidheachadh gus beachdachadh air Caisteal Inbhir Nis.


What is VOCAB? Deth'ann a VOCAB?

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.