Sgeama paidhleat air an A9

  • 6 An Dùbhlachd 2013
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Thèid sgeama paidhleat a dhèanamh nuair a thèid siostam ùr a bhios a' tomhas astar coitcheann dhràibhearan a chur as sàs air an A9.

An ath-bhliadhna, bidh e ceadaichte do dhràibhearan-làraidh siubhal aig 50msu air earrannan sìngilte den phrìomh rathad eadar a' Ghàidhealtachd agus meadhan na h-Alba.

Dh'inns Riaghaltas na h-Alba gun tèid sgeama paidhleat a chur an sàs fhad 's a tha camarathan a' tomhas an astair mheadhanaich a tha carbadan a' dèanamh air an rathad eadar Dùn Bhlathain agus Inbhir Nis.

Chuir Donnie MacDhòmhnaill bhon chompanaidh bathair, DR MacLeod, fàilte air an naidheachd, ag ràdh gum bi an t-atharrachadh san astar math do dhràibhearan aig a bheil cinn-ama theann ri choileanadh gu làitheil.

Tha e mar-thà ceadaichte do làraidhean HGV siubhal aig 50msu air na h-earrannan de rathad dùbailte air an A9.

Tha dùil gum bi an A9 eadar Inbhir Nis agus Peairt air fad na rathad dùbailte ron bhliadhna 2025, obair a chosgas suas ri £3 billean.

Thuirt Ministear na Còmhdhail, Keith Brown, gun robh an sgeama paidhleat an crochadh air an t-siostam chamarathan ùr.

Tha Mgr Brown den bheachd gun toir na camarathan lùghdachadh air na tha de thubaistean air an rathad.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile