Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

6 An Dùbhlachd 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Nelson Mandela

Thòisich caoidh nàiseanta ann an Afraga a Deas do Nelson Mandela, a' chiad cheann-suidhe dubh a bh' air an dùthaich, a chaochail a-raoir na dhachaigh faisg air Johannesburg. Bha e 95 bliadhna agus air a bhith gu math ìosal bho chionn ùine le tinneas sgamhain. Rinn ceannardan agus luchd-poilitigs air feadh an t-saoghail luaidh air, agus na rinn e airson deamocrasaidh agus na h-iomairt an aghaidh gràin-cinnidh. Bha an Àrd-Easbaig Desmond Tutu, dlùth charaid do Mhgr Mandela, os cionn seirbhis thaingealachd air a shon ann an Cape Town. Bidh dust Mhgr Mandela na laighe le urram stàite 'son trì là, bho Dhimàirt seo tighinn, ann am Pretoria.

Stoirm

Tha einnseanairean ag obair airson an dealain a chàradh agus 8,000 dachaigh ann an Alba fhathast gun chumhachd, a' mhòr-chuid dhiubh sa cheann a tuath, an dèidh stoirm an là an-dè. Agus tha seirbheisean-rèile na h-Alba an ìre mhath air ais dhan àbhaist. Thuirt Network Rail gu bheil a' mhòr-chuid de lìonra na rèile fosgailte a-rithist.

Tuiltean

Ann an Sasainn, dh'fhalbh muir làn agus tuil le stèisean bàta-theasairginn ann an Norfolk agus chaidh sgrios a dhèanamh air taigh agus chalets ri taobh na mara ann am baile Hemsby. Rinn tuil milleadh cuideachd air còrr is 100 dachaigh agus gnothachas ann an Whitby ann an ceann a tuath Yorkshire. Tha Buidheann na h-Àrainneachd air 29 rabhadh air tuiltean a chur a-mach ann an diofar sgìrean de Shasainn.

Am Prionnsa Teàrlach

Bidh Am Prionnsa Teàrlach ann an Glaschu an-diugh, a' tadhal air na seirbheisean-èiginn a bha an sàs anns an tubaist heileacoptair sa bhaile an t-seachdain seo chaidh anns an deach naoinear a mharbhadh. Cuiridh Diùc Bhaile Bhòid cuideachd ainm ri leabhar-cuimhneachaidh a' bhaile.

Loch Abar

Tha luchd-gnothaich ann an Loch Abar a' gearain mu bhòt air sgìre-leasachaidh gnìomhachais san sgìre. Thuirt Comunn Ath-leasachaidh an Taghaidh gum faigh gach togalach bhòt, ach nach fhaigh gach gnìomhachas. Tha feadhainn a' gearain mar sin gum faigh Comhairle na Gàidhealtachd faisg air 50 bhòt, seach a h-aon, agus gum faigh gnìomhachas le còrr is aon làrach barrachd air aon bhòt. Ma thèid gabhail ris an sgeama, thig air gnìomhachas sùim-airgid a chur a dh'ionnsaigh stòras aison luchd-turais a thàladh dhan sgìre.