Am blunderbus
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Sàbhail ar blunderbuss!

5 An Dùbhlachd 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Chaidh iomairt a chur air dòigh airson stad a chur air an aon blunderbuss, aig a bheil fios le cinnt a chaidh a chleachdadh ann am Blàr Chùil Lodair, bho dhol a-null thairis.

Tha an gunna aig Urras Nàisteanta na h-Alba air iasad agus tha an duine leis a bheil e airson a reic.

Mura tèid aig an Urras air na mìltean mòra a thogail, tha eagal ann gun tèid an gunna a cheannach le cuideigin nach eil fiù 's a' fuireach san dùthaich.