Còirichean cànain

  • 12 An Dùbhlachd 2013
An Fhionnlann
Tha inbhe chànain nàiseanta aig an t-Suainis anns an Fhionnlainn, le sgìrean den dùthaich far a bheil i làidir.

Tha inbhe na Gàidhlig ann am beatha phoblaich na h-Alba air èirigh o chionn beagan bhliadhnaichean, air pàipear co-dhiù.

Cuideachd air pàipear, tha na figearan airson na tha ga bruidhinn aig ìre nàiseanta air cothromachadh - cha mhòr - ach tha iad air crìonadh anns na sgìrean far a bheil i air leantainn na cainnt choimhearsnachd.

Ma bhòtas muinntir na h-Alba airson neo-eisimeileachd an ath-bhliadhna, dè bhiodh an dàn don chànan ge-tà?

Anns a' Phàipear Gheal a dh'fhoillsich Riaghaltas na h-Alba airson neo-eisimeileachd a mhìneachadh, tha na facail a chleachd iad taiceil do mar a tha an cànan a' fàs nas àbhaistiche aig ìre nàiseanta.

Àrainneachd thèarainnte

"Tha sinn a' cur romhainn àrainneachd thèarainnte a chruthachadh don Ghàidhlig ann an Alba san àm ri teachd, le bhith a' leudachadh àireamhan nan daoine a tha ag ionnsachadh, a' bruidhinn agus a' cleachdadh na Gàidhlig, tro fhoghlam Gàidhlig anns a h-uile raon agus ìre fhoghlaim leithid tràth-bhliadhnaichean, bun-sgoil agus àrd-sgoil. Leanaidh ar taic do dh'obair Bhòrd na Gàidhlig a thaobh a bhith a' cur air adhart cleachdadh na Gàidhlig ann am beatha phoblaich, chultarail agus choimhearsnachd na h-Alba. Cuideachd, leanaidh ar taic do MG ALBA, a th' air buannachdan mòra a thoirt don Ghàidhlig.

"Tha a' Ghàidhlig air a bhith na pàirt leantainneach ann an dualchas, fèin-aithne agus eachdraidh na h-Alba o chionn iomadh linn. Tha aithne oifigeil aig a' Ghàidhlig, agus tha i a' sìor-fhàs nas fhollaisiche ann am beatha phoblaich na h-Alba, a' beantainn do dh'fhoghlam, na h-ealain, na meadhanan agus craoladh. Ann an Alba neo-eisimeileach, bidh àite aig a' Ghàidhlig aig cridhe beatha phoblaich na h-Alba.

"Bidh e na amas dhuinn mar Riaghaltas cumail oirnn le bhith a' tionndadh crionadh na Gàidhlig ann an Alba. Sheall an cunntas-sluaigh mu dheireadh gu bheil iomairtean gus taic a thoirt don Ghàidhlig air soirbheachadh, agus air maill a chur air crìonadh a' chànain gu mòr. Bheireadh poileasaidh agus goireasan an Riaghaltais prìomhachas do a bhith a' meudachadh àireamhan nan daoine a tha a' bruidhinn, ag ionnsachadh agus a' cleachdadh a' chànain.

"Ann an Alba, tha ìre bhrìghmhor de thaic oifigeil aig a' Ghàidhlig bho Riaghaltas na h-Alba. Tha aithne oifigeil cuideachd air a toirt don Ghàidhlig ann an Achd na Gàidhlig 2005. Ann an Alba neo-eisimeileach, dheadh an aithne seo a dhearbhadh, agus a ghlèidheadh."

Tha am Pàipear Geal cuideachd a' cur air adhart amas gun tèid taic coltach ris na gheibh a' Ghàidhlig, a thoirt do Bheurla Ghallda.

"Sheall Cunntas-sluaigh 2011, airson a' chiad uair, fiosrachadh air na th' ann de luchd-labhairt Bheurla Ghallda. Cuidichidh am fiosrachadh seo, ann an Alba neo-eisimeileach, le bhith a' leasachadh poileasaidh, agus a' brosnachadh cleachdadh agus inbhe Bheurla Ghallda, agus a bhith a' toirt taic do choimhearsnachdan a bhruidhneas Beurla Ghallda."

Mar sin dheth, faodar - air pàipear co-dhiù - a bhith an dùil gun leanadh an suidheachadh a th' ann an-dràsta a thaobh chànanan na h-Alba nam bhòtadh an sluagh airson neo-eisimeileachd.

Cionnas a dh'èirich do chànanan ann an dùthchannan eile a fhuair neo-eisimeileachd ge-tà?

Coimheadamaid air dà dhùthaich - an Fhionnlann agus Èirinn - a fhuair neo-eisimeileachd mun aon àm às dèidh a' Chiad Chogaidh Mhòir, ach aig a bheil sgeulachdan eadar-dhealaichte.

An Fhionnlann

Tha trì cànanan oifigeil anns an Fhionnlann - Fionnlannais, Suainis agus Sàmais.

Fad linntean, bha an Fhionnlann na pàirt de rìoghachd na Suaine, mus deach a call don Ruis ann an Cogadh na Fionnlainne, tràth san 19mh Linn.

Chaidh an dùthaich a dhèanamh na Mòr-Dhiùcachd de dh'Ìmpireachd na Ruis ann an 1809.

Nas fhaide den 19mh Linn, dh'fhàs iomairt airson neo-eisimeileachd anns an Fhionnlainn, a bha stèidhichte air iomairt gus cultar nam Fionnach a bhrosnachadh.

B' i Fionnlannais cànan mòr-chuid an t-sluaigh, ach b' i Suainis cànan oifigeil riaghaltais, foghlaim, saidheans agus eile.

Bha dà thaobh, ris an canar Fennoman agus Svecoman, ag argamaid mu inbhe an dà chànan, leis na Fennomanaich den bheachd gum bu chòir inbhe a bharrachd a bhith aig cànan a' mhòr-chuid den t-sluaigh, agus na Svecomanaich den bheachd gun robh Suainis, leis gur e cànan Gearmaillteach a bh' innte, na bu fhreagarraiche air riaghladh agus gnothaichean aig àrd-ìre.

Lean an còmhstrì seo, mun àite a bh' aig gach cànan ann am beatha na dùthcha, bho na 1840an gu ruige nan 1920an.

Ann an 1892, fhuair Fionnlannais inbhe co-ionnan ri Suainis, ach airson an ath 30 bliadhna, bha làmh an uachdair aig Fionnlanais, gus an do ràinigear aonta mu chòirichean na Suainis beagan bhliadhnaichean an dèidh don Fhionnlainn neo-eisimeileachd a fhaighinn le làmhachas-làidir, às dèidh Rèabhlaid na Ruis ann an 1917.

An-diugh, tha làn-chòirichean aig labhraichean na Suainis, ged a bhios duilgheadasan ann corra-uair le bhith a' faighinn sheirbheisean sa chànan don 5.4% den t-sluagh dha bheil i na cainnt mhàthaireil.

Cànan nàiseanta

Tha còirichean cànain stèidhichte a rèir na sgìre comhairle (municipality) sa bheil daoine a' fuireach, le làn-chòirichean ann an sgìrean far a bheil àireamh mhòr den t-sluagh a' bruidhinn na Suainis airson gach seirbheis fhaighinn tron chànan.

"Tha inbhe aice mar chànan nàiseanta ann an reachdas," thuirt an t-Oll. Hanna Lehti-Eklund, aig Oilthigh Helsinki.

"Bha an t-Suainis glè làidir san Fhionnlainn tron 19mh Linn.

"Às dèidh neo-eisimeileachd, bha deasbad làidir mu àite a' chànain ann am beatha na dùthcha, agus i na mion-chànan.

"Ach bha an suidheachadh làidir a bh' aig an t-Suainis roimhe air cùlaibh an deasbaid sin," thuirt i.

Tha gach cuid Fionnlannais agus Suainis nan cuspairean riatanach san sgoil.

Sàmais

Sàmach le fiadh-lochlannach
Tha làn-chòirichean aig na Sàmaich an cànan fhèin a chleachdadh sna sgìrean aca.

'S ann an ceann a deas, agus air costa an iar na Fionnlainne as motha a tha labhraichean Suainis a' fuireach.

Ann an ceann a tuath na dùthcha ge-tà, tha dùthaich nan Sàmach - tìr a tha a' sìneadh tarsainn ceithir dùthchannan: Nirribhidh, an t-Suain, an Fhionnlann agus an Ruis.

Thathas den bheachd gu bheil mu 30,000 duine a bhruidhneas cànan Sàmach uile gu lèir. Anns an Fhionnlainn, ged a tha mu 10,000 duine de shluagh Shàmach san dùthaich, chan eil ach mu 4,000 duine a bhruidhneas tè de na cànanan Sàmach.

Tha cànanan Sàmach nan cànanan oifigeil ann an ceithir sgìrean comhairle: Utsjoki, Inari, Enontekiö agus pàirt de Sodankylä.

A dh'aoindeoin sin: "A rèir Lagh nan Cànanan, tha còir aig daoine a h-uile seirbheis fhaighinn ann an Sàmais anns na ceithir sgìrean comhairle as fhaide tuath," thuirt Irja Seurujärvi-Kari, bho Oilthigh Helsinki.

"Tha e doirbh ann an cuid de sgìrean, oir chan eil na tha sin de dhaoine sna h-ùghdarrasan a tha comasach ann an Sàmais fhathast.

"Tha laghan eile ann a thaobh foghlaim agus sgoiltean-àraich.

"Tha còir laghail aig a h-uile pàiste Sàmach an cuid foghlaim fhaighinn ann an Sàmais.

"Tha sin nas duilghe aig ìre na h-àrd-sgoile agus mar sin air adhart.

"A thaobh nam meadhanan, tha naidheachdan air an telebhisean ann an Sàmais, a thuilleadh air mu 15 mionaidean de phrògraman gach là tron t-seachdain.

"Tha Sàmais air a bhith air an rèidio bho na 1970an, agus tha fèill mhòr air sin," thuirt i.

O chionn ghoirid, thòisich seirbheis naidheachd ann an Sàmais, a mhaireas còig mionaidean, aig 3:00f, agus a chìthear e air feadh na Fionnlainne air an telebhisean.

Èirinn

Coltach ri sgeul na Fionnlainne, bha iomairt neo-eisimeileachd na h-Èireann gu mòr ceangailte ri ath-bheothachadh na Gaeilge.

B'e amas gu leòr de na bha ag iomairt agus a' sabaid "Éire Shaor, Ghaelach" a chruthachadh, leis a' Ghaeilge a' sgapadh air ais do na sgìrean às an deach a call. Bha an cànan aig cridhe fèin-aithne na dùthcha.

Aig an àm a bha sin, bha an cànan cus na bu làidire (a thaobh àireamhan) na tha i an-diugh. Bha mòr-chuid an t-sluaigh ge-tà, a' bruidhinn na Beurla, seach na Gaeilge.

Chaidh a' Ghaeilge a dhèanamh na "prìomh chànan oifigeil" ann an Èirinn, leis a' Bheurla na "cànan oifigeil eile".

Ann an 1926, chaidh na sgìrean far an robh i fhathast na cànan coimhearsnachd làitheil a chomharrachadh gu h-oifigeil mar "Gaeltacht" a' ciallachadh gur i a' Ghaeilge cànan oifigeil riaghaltais gu làitheil sna sgìrean sin.

Fear le bratach
Bha strì neo-eisimeileachd na h-Èireann gu mòr ceangailte ris a' Ghaeilge.

Bha an Ghaeltacht (facal a chaidh a thoirt a-steach don Ghaeilge bhon Ghàidhlig) a' comharrachadh sgìrean ann an siorrachdan sgapte, ach leis a' mhòr-chuid dhiubh air an taobh siar. Bha na h-uidhir de Ghaeilge air fhàgail ge-tà, ann an iomadh ceàrnaidh nach robh air a comharrachadh mar Ghaeltacht.

B'e amas na h-iomairt seo, stad a chur air crìonadh a' chànain sna sgìrean sin, gus an sgapadh i, a Ghàidhealachadh na dùthcha.

Cha do thachair sin.

"Cha do sgap an cànan taobh a-staigh na Gaeltachta nas motha," thuirt an Dr. Conchúir Ó Giollagáin, aig Oilthigh na Gaillimhe.

"Bha rudan eile a' toirt buaidh air beatha a' chànain sa Ghaeltacht, leithid daoine a' fàgail airson obair, daoine a' tilleadh às dèidh dhaibh a bhith ag obair an àiteachan eile.

"Suas gu na 1970an, cha robh smachd aig muinntir na Gaeltachta air gnothaichean sna sgìrean aca fhèin," thuirt e.

Tha a-niste, Údarás na Gaeltachta an urra ri leasachadh eaconamach, sòisealta agus cultarail sa Ghaeltacht.

Tha seirbheis rèidio RTÉ Raidió na Gaeltachta, agus sianal telebhisean TG4, a' riochdachadh na Gaeilge, agus gnothaichean na Gaeltachta, sna meadhanan aig ìre nàiseanta.

Ath-bheothachadh

Tha an suidheachadh ann an Èirinn a Tuath eadar-dhealaichte.

Ged a dh'fhalbh a' Ghaeilge mar chànan traidiseanta (a bha cumanta gu leòr fada a-steach dhan 20mh Linn sa cheann a tuath) tha i air ath-bheothachadh fhaicinn, le 10% den t-sluagh ag ràdh (air diofar adhbharan) gu bheil a' Ghaeilge aca.

'S ann às dèidh neo-eisimeileachd a thàinig an crìonadh a bu mhotha air a' Ghaeilge ann am Poblachd na h-Èireann, ach tha an Dr. Ó Giollagáin ag ràdh gun robh sin a' tachairt co-dhiù, agus gur dòcha gun robh cùisean air a bhith na bu mhiosa mur a b'e riaghaltas a bhith ann a rinn poileasaidh a thaobh a' chànain.

"Ro neo-eisimeileachd, bha sluagh mòr ann aig an robh a' Ghaeilge, ach cha robh iad foghlaimichte.

"Le neo-eisimeileachd, dh'fhàs foghlam, agus dh'èirich sluagh a bha foghlaimte sa chànan.

'S ann na dhà leth a bha am poileasaidh sin: gnothaichean taobh a-staigh na Gaeltachta, agus gnothaichean taobh a-muigh.

Bha poileasaidh taobh a-staigh na Gaeltachta ag amas air an sluagh a ghlèidheadh, a dhèanamh seasmhach, agus cothrom a thoirt don chànan fhàs.

Taobh a-muigh na Gaeltachta, bha am poileasaidh stèidhichte air sgoiltean a-mhàin.

Bha - agus tha fhathast - a' Ghaeilge na cuspair riatanach san sgoil air feadh Poblachd na h-Èireann.

Ach cha tàinig fàs air a' chànan fon phoileasaidh sin mar a bha na h-ùghdarrasan a' sùileachadh.

Thug e buaidh air àireamhan gu ìre ge-tà. Airson obair a bhith agad san roinn phoblaich, dh'fheumadh Gaeilge a bhith agad. Thug sin adhbhar do dhaoine an cànan ionnsachadh.

Ceannardas

Anns na 70an ge-tà, dh'atharraich sin. "Chaidh sinn o shuidheachadh far an robh 100% de luchd-obrach foghlaim leis a' chànan, gu suidheachadh an-diugh far nach eil i ach aig 1%," thuirt an Dr. Ó Giollagáin.

"Nuair a thòisich na h-ùghdarrasan a' cluich leis a' phoileasaidh - a bha ag obair gu ìre - sna 70an, rinn iad milleadh air."

Tha an Ghaeltacht fhathast ann, ach gu math nas bige na bha, agus tha cuid de na sgìrean a tha ga dèanamh suas nas làidire na cuid eile a thaobh a' chànain.

Tha na h-uidhir de Ghaeilge aig cha-mhòr a h-uile duine ann an Èirinn, ri linn na fhuair iad san sgoil - ach 's e beag-chuid fhathast a tha an urrainn còmhradh a chumail innte.

Sa chunntas-sluaigh mu dheireadh, nochd mu 20,000 duine taobh a-staigh nan sgìrean Gaeltachta gun robh iad a' cleachdadh na Gaeilge gach là, le mu 50,000 taobh a-muigh na Gaeltachta. Tha ceist ge-tà, dè na chleachdas cuid dhiubh sin den chànan.

An Ghaeltacht
Tha dragh mun chànan sna sgìrean sa bheil i na cànan coimhearsnachd oifigeil.

Chan ionnan còmhradh fileanta, agus "Cúpla Focal."

Tha an Dr Ó Giollagáin den bheachd, a thuilleadh air sin, gu bheil eadar 100,000 agus 200,000 duine an Èirinn aig a bheil Gaeilge reusanta math, ach nach bruidhinn i gach là.

Luchd-ionnsachaidh

Tha diofar mòr eile ann eadar suidheachadh na Gaeilge agus suidheachadh na Gàidhlig. Tha fada a bharrachd luchd-ionnsachaidh aig a' Ghaeilge na tha de labhraichean dùthchasach - an dearbh chaochladh air na tha fìor ann an Alba.

Tha sin a' ciallachadh gu bheil feumalachdan an luchd-ionnsachaidh cudromach dha-rìribh a thaobh poileataigs chànain ann an Èirinn.

'S ann a thaobh stiùir na poileataigs sin a tha dragh an Dr. Uí Ghiollagáin.

"Tha na h-uidhir de dhòchas ann an còmhnaidh, ach tha uireasbhaidh ann a thaobh ceannardais.

"Tha a h-uile duine sna h-ùghdarrasan air an aon ràmh, ach chan eil taic phractaigeach ga cur ris a' chànan.

"Tha poileasaidh ùr airson na Gaeilge a chaidh a dhealbh o chionn beagan bhliadhnaichean 'An Straitéis 20 Bliain' nas laige na am poileasaidh a bh' ann roimhe, ri linn 's nach do chuir e poileasaidhean ùra an àite nan seann phoileasaidhean a thugadh air falbh."

A thaobh na h-Alba dheth, tha an Dr. Ó Giollagáin ag ràdh gu bheil dà rud cudromach ann: poileasaidh poblach, agus foghlam.

"Dè am poileasaidh a th' agaibh san àite sa bheil labhraichean dùthchasach ann?

"Agus dè am poileasaidh a th' agaibh a thaobh luchd-ionnsachaidh?

"Mur a h-eil siostam foghlaim ann, cha bhi luchd-ionnsachaidh ann," thuirt e.