Ceist mu thubaist thornado

  • 5 An Dùbhlachd 2013
Luchd-adhair (bho chlì) Sqd Ldr Samuel Bailey, Flt Lt Hywel Poole agus Flt Lt Adam Sanders. Image copyright MOD
Image caption Chaidh Samuel Bailey, Hywel Poole agus Adam Sanders a mharbhadh san tubaist.

Tha Ministreachd an Dìon air dearbhadh gur robh iad air siostam rabhaidh a lorg airson phleanaichean Tornado ceithir bliadhna ro thubaist anns an do bhuail dà phleana bho raon-adhair Inbhir Lòsaidh ri chèile os cionn Linne Mhoireibh.

Bhàsaich triùir agus chaidh fear eile a dhroch leòn anns an tubaist san Iuchar an-uiridh.

Chaidh na lorg sgrùdadh le Ùghdarras nan Seirbheisean Adhair a chur do Neach-casaid a' Chrùin, a tha a' beachdachadh air sgrùdadh tubaist bhàsmhoir a chumail.

Cha deach an sgrùdadh aig Ùghdarras nan Seirbhisean Adhar a dhèanamh poblach fhathast, ach chaidh na lorg e a thoirt do theaghlaichean an luchd-adhair a bha san tubaist.

Chaill Hywel Poole, Samuel Bailey, agus Adam Sanders am beatha nuair a bhuail an dà phleana ri chèile.

Thàinig neach eile beò às an tubaist.

Ann an sreath de fhreagairtean sa Phàrlamaid don bhall-phàrlamaid Nàiseantach airson Mhoireibh, Aonghas Robasdan, dhearbh Ministreachd an Dìon gun deach siostam rabhaidh dha pleanaichean Tornado a bha dùil a dh'fhaodadh stad a chur tubaistean mar seo a chruthachadh ann an 2008, ach nach deach a chur dha na plèanaichean gu às dèidh na tubaiste.

Tha Mgr Robasdan a' creidsinn gum biodh mar nach robh siostam rabhaidh anns na plèanaichean gu math cudromach ann an sgrùdadh tubaist bhàsmhoir.

Dhearbh Oifis a' Chrùin gun deach aithisg Ùghdarras nan Seirbhisean Adhair a chur thuca, agus gu bheil rannsachadh a' leantainn.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile