MacLeòid ag aideachadh a chiont

  • 5 An Dùbhlachd 2013
Ailig MacLeòid Image copyright Comhairle na Gàidhealtachd
Image caption Leig Mgr MacLeòid, 21, dheth a dhreuchd mar chomhairliche san t-Sultain am bliadhna.

Dh'aidich seann chomhairliche Ghallaibh, Ailig MacLeòid, gu bheil e ciontach de dh'fhoill taghaidh.

Leig Mgr MacLeòid dheth a dhreuchd mar chomhairliche na bu thràithe am bliadhna, nuair a chaidh casaidean a thogail na aghaidh.

Dh'aidich e gun do chosg e, le fios, barrachd air an iomairt-taghaidh aige na bha ceadaichte; gun do chuir e, le fios, iarrtas chosgaisean a-steach do Chomhairle na Gàidhealtachd a bha foilleil; agus gun do dh'atharraich e fairdealan a fhuair e bho chompanaidhean ann an Gallaibh airson obair a rinn iad dha na iomairt-taghaidh gus nach tigeadh an fhoill am bàrr.

Chaidh toirt seachad a' bhinn a chur dheth gu 9mh am Faoilleach.