Fear marbh ri linn na droch shìde

Tuinn Tha dùil nach mair an stoirm mhòr ro fhada agus gun socraich a' ghaoth sa mhòr-chuid de sgìrean tron là.

Tha fireannach air bàsachadh, agus droch shìde air sguabadh tarsainn na dùthcha.

Bhàsaich an duine nuair a chaidh an làraidh a bha e a' dràibheadh a chur air a cliathaich leis a' ghaoith, a' tighinn a-nuas air dà chàr ann am Bathgate, Lodainn an Iar.

Tha còrr is 100,000 dachaigh às aonais chumhachd an dealain; tha 12,000 dhiubh sin ann an Earra-Ghàidheal, 10,000 air a' Ghàidhealtachd, agus 1,100 sna h-Eileanan an Iar.

Tha Scottish Hydro den bheachd gum faigh a' mhòr-chuid de dhaoine an dealan air ais a-nochd fhathast, ach gum faodadh cuid a bhith às aonais nas fhada o chionn 's gu bheil duilgheadasan aca faighinn gu cuid de sgìrean ri linn craobhan a' tuiteam agus milleadh air loidhnichean.

Còmhdhail

Bha cha-mhòr a h-uile aiseag air a' chosta an iar air a chur dheth Diardaoin, agus gheibhear barrachd fiosrachaidh air làrach-lìn CalMac.

Tha Stèisean Rèile Meadhan Ghlaschu air fhosgladh a-riithist, às dèidh mar a chaidh a dhùnadh nuair a thuit pàirt de mhullach an togalaich a-nuas.

Chaidh seirbheisean rèile na h-Alba air fad a stad ri linn na droch shìde, ach tràth air an fheasgair thòisich seirbheisean eadar Sràid na Bàn-righinn ann an Glaschu agus Dùn Èideann.

Thuirt Scotrail gun robh iad an dùil seirbheisean eile a thòiseachadh cuideachd.

Tha mòran itealan cuideachd air an cur dheth ann an Glaschu agus Dùn Èideann, agus chaidh Drochaid Rathaid Fhoirthe agus Drochaid Earsgain a dhùnadh uile gu lèir, le buaidh air cuid eile de dhrochaidean cuideachd.

Dh'iarr na poilis air Ghàidhealtachd air daoine gun a bhith a' siubhal air cuid de rathaidean na sgìre mur a bheil an turas aca riatanach.

Na h-Eileanan Siar

Tha an droch shìde air sgrios a dhèanamh air feadh nan Eilean Siar tron oidhche agus a' cur maill air mòran sheirbheisean còmhdhail.

A rèir stèisean aimsire phrìobhaidich ann an Nis, ràinig a' ghaoth 116 mìle san uair tron oidhche.

Abhainn Nis Tha Abhainn Nis a' cur thairis timcheall air drochaid-coise Sràid a' Ghreigich.

Nas fhaide deas, tha Buidheann Sàbhailteachd nan Eilean Siar air rabhaidhean a chur a-mach gum bu chòir do dhràibhearan a bhith faiceallach faisg air na cabhsairean, gu h-àraidh nuair a tha an làn àrd.

Ann an Inbhir Nis, tha Abhainn Nis a' cur thairis timcheall air drochaid-coise Sràid a' Ghreigich, le tuilleadh rabhaidhean mu thuiltean air feadh a' chosta an ear.

Sgoiltean

Tha sgoiltean Uibhist agus Bharraigh air fad dùinte.

A thuilleadh orra sin, tha Àrd-sgoil Ulapuil, Bun-sgoil Chill Teàrna ann am Baile Eòghainn, Àrd-sgoil Mhalaig, Àrd-sgoil Àird nam Murchan, Àrd-sgoil a' Pluic, Bun-sgoil Inbhir Pheofharain, Bun-sgoil Dhruimean an Inbhir Nis agus Sgoil Chille Mhoire san Eilean Sgitheanach uile dùinte.

Atharrachadh

Tha dùil nach mair an stoirm mhòr ro fhada agus gun socraich a' ghaoth sa mhòr-chuid de sgìrean tron là. Bidh i na droch ghèile fhathast anns an ear-thuath, Gallaibh, Arcaibh is Sealtainn.

Feasgair Diardaoin, fàsaidh i tòrr nas fhuaire agus nas soilleire, agus tha dùil ri frasan sneachda aig tuath, san iar-thuath agus cho fada deas ri Earra-Ghàidheal.

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Chan eil uallach air a' BhBC airson na tha air làraich-lìn eile.

Sgeulachdan aithriseach

  • DìleasRobo Chù Listen

    Luchd-saidheans ag ràdh gun gabhadh ròbotan a chleachdadh an àite chon-chaorach airson caoraich a bhuachailleachd.


  • Am prìomh thogalachCampas ùr Inbhir Nis

    Tha obair a' leantainn aig làrach ùr Colaiste Inbhir Nis, le leasachaidhean eile na broinn.


What is VOCAB? Deth'ann a VOCAB?

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.