Teachdaireachdan dà-chànanach aig NHS na Gàidhealtachd

  • 4 An Dùbhlachd 2013
Suaicheantas Twitter Image copyright AP
Image caption Thathas an dòchas gun tarraing na naidheachdan aca tuilleadh aire chun a' chànain.

Bidh na teachdaireachdan Twitter aig NHS na Gàidhealtachd anns an Ghàidhlig agus Beurla an ath-sheachdain.

Gach seachdain, bidh neach-obrach eadar-dhealaichte bhon bhuidhinn a' cur fiosrachadh a-mach air Twitter.

A thuilleadh air a bhith a' cur air adhart nan seirbheisean a bhios an NHS a' toirt sheachad, thathas an dòchas gun tarraing na naidheachdan aca mu shaothair an luchd-obrach tuilleadh aire chun a' chànain.

'S i Kerrie NicIlleathain, a bhuineas do dh'Astràilia agus a dh'ionnsaich Gàidhlig, a bhios a' sgaoileadh nan teachdaireachdan dà-chànanach mun obair aice-se.

Na h-obair-làitheil bidh Kerrie a' toirt taic do dh'oileanaich, a thuilleadh air foghlam, trèanadh agus leasachadh-obrach a thoirt do bhuidheann farsaing de phroifeasantaich ann an seirbhis na slàinte.

Thuirt A' Bh-Ph NicIlleathain gum faca i an dà chuid dìmeas ga dhèanamh, agus luach ga chur air a' chànan.

'S e a beachd gu bheil e cudromach gum bi an t-seirbheis cho coileanta 's a ghabhas, agus gu bheil spèis do chànan agus dualchas an t-sluaigh fillte a-steach dhan sin.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile