Fear-sreap "seasmhach" às dèidh dha tuiteam

  • 4 An Dùbhlachd 2013

Tha fear a thuit 's e a' sreap sa Mhonadh Ruadh ann an staid sheasmhaich san ospadal.

Chaidh an duine, a tha 32, a ghoirteachadh mu a cheann nuair a thuit e faisg air Angels Peak Dimàirt.

Chaidh fios air na seirbheisean èiginneach mu 3:50f, agus rinn sgiobannan teasairginn an slighe chun na làraich, le taic bho heileacoptair à RAF Inbhir Lòsaidh.

Chaidh a thogail far na beinne mu 4:55f, agus a thoirt gu Ospadal an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis.