Gearradh an taic do thuathan-gaoithe

  • 4 An Dùbhlachd 2013
Crainn-ghaoithe
Image caption Thuirt an Riaghaltas nach eil sgeamaichean air tìr cho feumach air taic tuilleadh.

Thèid taic airson tuathan-gaoithe air tìr, agus dealan bho chumhachd na grèine a ghearradh, mar phàirt de dh'atharrachadh mòr a bheir Riaghaltas Bhreatainn air subsadaidhean cumhachd ath-nuadhachail.

Innsidh ministearan Diciadain gum bi tuilleadh airgid ann do phròiseactan gaoithe aig muir.

Bidh an Riaghaltas a' stèidheachadh bun-phrìs gus subsadaidh a thoirt do chumhachd ath-nuadhachail.

Thuirt Àrd-Rùnaire Roinn an Ionmhais, Danny Alexander, gur e "ath-chothromachadh" a bh' anns an atharrachadh, agus thuirt e nach tigeadh atharrachadh air na chosgas an Riaghaltas san fharsainneachd.

Ach thuirt na Làbaraich gun robh leithid de dh'atharrachadh dona do ghnothachas.

Thèid na prìsean a tha stèidhichte airson tuathan-gaoithe air tìr agus cumhachd na grèine a ghearradh bho 2015.

Aig a' cheart àm, èirichidh na prìsean airson cumhachd na gaoithe aig muir.

Bha daoine bho gach taobh den Cho-bhanntachd ag ràdh nach eil pròiseactan gaoithe air tìr agus cumhachd na grèine feumach air uiread de thaic a-nis, leis gu bheil an Stàit air tòrr a chosg orra mar thà.

Bha iad ag ràdh gu bheil subsadaidhean a bharrachd a dhìth airson tuathan-gaoithe aig muir.

Cuideachd, thuirt daoine bho na Tòraidhean agus na Lib-Deamaich ris a' BhBC gun robh an t-atharrachadh seo a' dèanamh ciall a thaobh poileataics, leis gu bheil UKIP an aghaidh tuathan-gaoithe air tìr.

Tha an t-suim a gheibh daoine airson sgeama a cheangail ris a' Ghriod Nàiseanta air a bhith gu math nas motha na prìs a' chumhachd, mar dhòigh air companaidhean a bhrosnachadh airgead a chur an sàs ann an cumhachd ath-nuadhachail.