Rabhaidhean mu fhìor dhroch aimsir

  • 3 An Dùbhlachd 2013
Rabhadh buidhe bho Oifis na Sìde
Image caption Dh'fhaodadh gun ruig a' ghaoth neart stoirm, 80+ mìle san uair, mun iar-thuath agus mun àird a tuath.

Tha Oifis na Sìde air rabhadh a thoirt gu bheil dùil ri fìor dhroch aimsir tro oidhche Chiadain agus madainn Diardaoin.

Dh'fhaodadh gun ruig a' ghaoth neart stoirm, 80+ mìle san uair, mun iar-thuath agus mun àird a tuath.

Ruigidh i fìor neart gèile, 60-70msu, mu mheadhan na dùthcha.

Rabhadh buidhe

Tha Oifis na Sìde air rabhadh buidhe a sgaoileadh aig an ìre seo, ach dh'fhaodadh nas fhaide air adhart gun tèid sin àrdachadh gu rabhadh orains.

A thuilleadh air an sin, 's ann air leth fliuch a bhios i Diardaoin, le frasan geamhradail gu math bitheanta mu thuath air cùl sin.

Tha dùil gun toir seo buaidh air na h-aiseagan is itealain, gum bi cùisean cunnartach air na rathaidean, agus gum bi tuinn air leth mòr mu na costaichean, a dh'fhaodadh tuiltean adhbhrachadh.

Thuirt Kirsteen NicDhòmhnaill, tè-aithris na sìde: "'S e bruthadh ìosal gu math domhain, neartmhor a tha a' tighinn gar n-ionnsaigh - rud nach eil buileach na iongantas tro mhìosan a' gheamhraidh, ach a tha gu math buailteach troimh-a-chèile adhbhrachadh air còmhdhail poblach fad is farsaing."

Timcheall a' BhBC

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile