Cùrsaichean ùra aig Oilthigh Dhùn Èideann

  • 3 An Dùbhlachd 2013
Clann-sgoile
Image caption 'S ann air obraichean bun-sgoile a-mhàin a thathas ag amas aig an ìre seo.

Bidh Oilthigh Dhùn Èideann a' ruith chùrsaichean ùra bhon ath-bhliadhna a tha ag amas air luchd-teagaisg Gàidhlig a thrèanadh.

Bidh aon chùrsa, a mhaireas ceithir bliadhna, do dh'oileanaich aig a bheil teisteanas Gàidhlig aig àrd-ìre san sgoil, agus cùrsa eile, a mhaireas còig bliadhna, do dhaoine aig nach eil an ìre sin de Ghàidhlig.

Tha gainnead thidsearan air a bhith na dhuilgheadas mòr ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig fad bhliadhnaichean.

Slighean ùra

Thuirt an t-Àrd-Oll. Wilson MacLeòid bho Oilthigh Dhùn Èideann: "Feumaidh sinn slighean ùra a dh'ionnsaigh teagaisg tro mheadhan na Gàidhlig a chruthachadh - 's e sin prìomh amas a' chùrsa.

"Bheir an dàrna ceum, an ceum ùr, mar gum biodh, spionnadh ùr do dh'iomairtean airson barrachd thidsearan a lorg," thuirt e.

Ged a tha tomhas de mhì-chinnt sa chùis, tha Mgr MacLeòid dòchasach gun tarraing a' chùrsa ùir daoine a-steach.

Leis mar a tha siostam an fhoghlaim a' sgaoileadh agus sgoiltean mòra Gàidhlig a' fosgladh sna mòr-bhailtean, tha farsaingeachd de chothroman a' nochdadh.

An ceann beagan bhliadhnaichean, tha Oilthigh Dhùn Èideann an dòchas PGDE a chruthachadh do dhaoine a thèid a theagasg san àrd-sgoil, ach is ann air obraichean bun-sgoile a-mhàin a thathas ag amas aig an ìre seo.

Feumalachdan

Am measg nam feumalachdan airson faighinn air a' chiad chùrsa, feumaidh teastanas a bhith aig tagraichean ann am Beurla agus Matamataig. Thuirt Mgr MacLeòid nach eil càil a-mach às an àbhaist a thaobh nam feumalachdan agus gum faighear tuilleadh fiosrachaidh air làrach-lìn an oilthighe.

A thaobh an dàrna cùrsa, do dhaoine a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig, thathar a' lorg fianais gu bheil eòlas aig tagraichean air cànain ionnsachadh.

"'S e iarrtas mòr a tha seo - a bhith a' ruigsinn ìre de dh'fhileantachd 'son a dhol an sàs ann an teagasg tro mheadhan na Gàidhlig - do dhaoine a tha a' tòiseachadh gun Ghàidhlig idir," thuirt Mgr MacLeòid.

"Feumaidh sinn a bhith làn-chinnteach gu bheil iad comasach air sin a dhèanamh."

Thuirt Mgr MacLeòid gun tòisich na cùrsaichean san t-Sultain 2014.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile