Dòighean-obrach Oighreachd a' Chrùin

  • 3 An Dùbhlachd 2013
Cladach
'S ann le Oighreachd a' Chrùin a tha còraichean air grunnd na mara a-mach gu 12 mìle-mara.

Coinneachaidh Comataidh nan Cùisean Albannach ann an Inbhir Nis Dimàirt, agus iad a' beachdachadh air dòighean-obrach Oighreachd a' Chrùin air Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan.

Anns a' Mhàirt, dh'fhoillsich a' Chomataidh aithisg a rinn càineadh air mar a tha Oighreachd a' Chrùin a' dèiligeadh ris an cuid dleastanasan - gu h-àraid a thaobh nan cladaichean agus grunnd na mara.

Ged a rinn Oighreachd a' Chrùin leasachadh air cuid de na dòighean-obrach aca an dèidh sin, an-diugh nì buill na comataidh ceasnachadh orra gus faighinn a-mach ciamar a tha dùil aca obrachadh san àm ri teachd.

Thuirt Cathraiche na Comataidh, am Ball-Pàrlamaid Labarach, Iain Davidson, nach eil e cinnteach fhathast a bheil Oighreachd a' Chrùin air atharrachadh ro mhòr a thoirt air an dòighean-obrach, agus gur dòcha gum mol a' Chomataidh gun tèid cuid de chumhachdan na buidhne a thoirt bhuapa.