Manaidsear ùr aig Loch Carrann

  • 2 An Dùbhlachd 2013
Loch Carran Image copyright Willie Mair / Geograph
Image caption Tha Brown a' tilleadh dhan chluba às dèidh treis air falbh.

Dhearbh cluba camanachd Loch Carrainn gur e Ross Brown am manaidsear ùr.

Bha Brown am measg nan cluicheadairean as fheàrr aig Loch Carrann am bliadhna, is e air tilleadh dhan chluba às dèidh treis air falbh.

Bha Loch Carrann a' lorg mhanaidseir às dèidh do Choinneach Moireach a dhreuchd fhàgail.

Chaidh Loch Carrann sìos gu aon sgioba am bliadhna is iad ag amas air togail às ùr aig ìre nas ìsle.

Chrìochnaich an sgioba san dàrna àite ann an Lìog Tuath 3, is ràinig iad cuairt dheireannach Chupa an t-Sutharlannaich.

Bidh iad ann an Lìog Tuath 2 an ath-sheusan.

Tha Camanchd an Eilein Sgitheanaich is Ceann Loch Seile fhathast a' lorg mhanaidsearan ùra.