Là Gàidhlig mhuinntir Dhùn Èideann

Bun-sgoil Taibh na Pàirce ann an Dùn Èideann Tha Bun-sgoil Taobh na Pàirce a-nis aig cridhe na coimhearsnachd Ghàidhlig ann an Dùn Èideann.

Bha là mòr aig muinntir Dhùn Èideann Disathairne - Là Mòr na Gàidhlig.

Thàinig iomadh buidheann Ghàidhlig còmhla aig Bun-sgoil Taobh na Pàirce agus iad ag amas air ceangalaichean ùra a dhèanamh le daoine bhon choimhearsnachd Ghàidhlig anns a' phrìomh bhaile - agus le daoine a th' air ùr-thighinn chun a' chànain.

Tha Bun-sgoil Taobh na Pàirce a-nis aig cridhe na coimhearsnachd Ghàidhlig ann an Dùn Èideann agus, le sin, cha robh àite nas fhreagarraiche airson Là Mòr na Gàidhlig.

'S e a' bhuidheann Iomairt Ghàidhlig Dhùn Èideann a chur an là air dòigh, a' toirt cothrom do chloinn, do phàrantan agus do dhaoine eile a thighinn a chluinntinn mu phròiseactan Gàidhlig a tha a' dol sa bhaile.

Tha làithean leithid seo cudromach dhan chànan san sgìre, a rèir Christine NicLeòid, Iar-cheannard na Sgoile, a tha cuideachd an sàs ann an Iomairt Dhùn Èideann.

"'S e aon de na h-amasan a bh' againn gum biodh cothrom aig muinntir Dhùn Èideann coinneachadh ri chèile," thuirt i.

"Tha an t-uabhas rudan a' tachairt, ach gu math tric bidh sinn a' cluinntinn ghearainnean nach robh fios aig daoine mun deidhinn."

Tha làithean Gàidhlig a' toirt cothrom do dhaoine coinneachadh agus ceangalaichean a dhèanamh le chèile. Tha A' Bh-Ph. NicLeòid den bheachd gu bheil seo riatanach gus na diofar thachartastan a dhèanamh nas soirbheachaile.

Chaidh measgachadh mòr de dhaoine tro na dorsan air an là: daoine le clann òg nach eil fhathast ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, daoine a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig, oileanaich, deugairean bhon àrd-sgoil, pàrantan, agus inbhich bhon choimhearsnachd a tha fileanta sa Ghàidhlig.

Buidhnean Ghàidhlig

A bharrachd air buidhnean nàiseanta mar CLI, Bòrd na Gàidhlig agus An Comunn Gàidhealach, bha diofar bhuidhnean à Dùn Èideann fhèin an làthair.

Nam measg, bha Sìle NicIlleathain bho Bhothan, Club-oidhche nan Gàidheal. Bidh an club-oidhche Gàidhlig a' ruith air a' chiad Dihaoine den mhìos ann an Taigh-seinnse Canons' Gait agus thathar a' brosnachadh a' chànain tro thachartasan ciùil.

Bhon chloinn san sgoil-àraich gu na h-inbhich aig gach ìre, tha e coltach gu bheil Gàidhlig a-nis mar phàirt mhòr de bheatha dhaoine ann an Dùn Èideann.

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Chan eil uallach air a' BhBC airson na tha air làraich-lìn eile.

Sgeulachdan aithriseach

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.