Solais Nollaige a' brosnachdh spioraid choimhearsnachd

Solais Nollaige Tha a' Chomhairle air an t-airgead a tha Urras Ghoireasan Steòrnabhaigh a' faighinn airson solais a chur suas a ghearradh.

Tha muinntir Steòrnabhaigh air tighinn còmhla airson cuirm Nollaige a chur air dòigh seach nach eil airgead gu leòr aig Comhairle nan Eilean Siar am-bliadhna airson solais Nollaig.

Mar as trìce, bidh cuirm ga cumail sa bhaile nuair a thèid na solais a chur air, ach am-bliadhna bha cunnart ann nach robh càil a' dol a thachairt.

Am-bliadhna, tha a' Chomhairle air an t-airgead a tha Urras Ghoireasan Steòrnabhaigh a' faighinn airson solais a chur suas a ghearradh.

Ged a tha craobh Nollaig a th' air a sgeadachadh le solais gu bhith stèidhichte ann an Ceàrnag Phearsabhail, bha daoine gu math tàmailteach nach biodh rudeigin air a chur air dòigh airson na h-oidhche a thèid na solais a chur air.

Ghlac sin aire bhoireannaich òig a' smaoinich gum bu chòir rudeigin a bhith air a dhèanamh.

Chuir Jane Hepburn, tè-chiùil bhon chòmhlan Face the West, brath air an eadar-lìon ag innse gun robh i fhèin deònach pàirt a ghabhail air an oidhche.

Leis an naidheachd a' sgaoileadh air na meadhanan sòisealta, tha còrr is 500 neach air an ainmean a chur ris an iomairt - luchd-ciùil, dannsairean agus còmhlain nam measg.

Oidhche Dhiardaoin

Theid sòlais na craoibhe Nollaige a chur air aig 7:00f Oidhche Dhiardaoin, agus air sgàth na h-oidhirp a rinn Jane agus a caraidean, bidh ceòl, duain Nollaige agus dannsa a' dol sa bhaile bho 7:30f.

Ged a tha a' Choimhairle tàmailteach nach bi na solais àbhaisteach ann am-bliadhna, tha iad dòchasach gu bheil oidhirpean na coimhearsnachd a' dol a dhèanamh diofair mhòir.

Thuirt an Comh. Teàrlach MacNeacail, a tha an sàs ann an Urras Ghoireasan Steòrnabhaigh: "Ged a lùigeadh sinn tuilleadh sholais a bhith againn, tha spiorad na coimhearsnachd air a thighinn gu mòr am follais agus tha mi cinnteach gum bi deagh oidhche aig a h-uile duine."

Sgeulachdan aithriseach

  • FlòdaigearraidhÀrainneachd agus Cànan

    Cùrsa anns an Eilean Sgitheanach as t-samhradh far am faighear briathrachas na Gàidhlig airson leithid lusan agus ainmhidhean.


  • Miss PiggyClò Mòr air a' Bhan-Mhuic

    Chunnacas Miss Piggy ann an deise den Chlò Mhòr a rinneadh le Vivienne Westwood.


What is VOCAB? Deth'ann a VOCAB?

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.